Page 1 of 1

Blas na Gàidhlig

Posted: Sun Feb 13, 2011 12:57 am
by akerbeltz
A chàirdean
Tha an latha a' tighinn dlùth oirnn (the day is coming closer)
... mu dheireadh dheireadh dheireadh thall (FINALLY)

Bidh mo leabhar, Blas na Gàidhlig ri fhaighinn o dheireadh an ath-mhìos (my book will be out at the end of next month)

Gach rud, uel, iomadh rud mu fhuaimneachadh na Gàidhlig, eadar fuaimean is sèimheachadh, beum is an fhuaimreag cuideachaidh... is mòran a bharrachd (Everything, well, lots about Gaelic pronunciation, from the sounds to lenition, stress placement to the helping vowel and loads more)

592 duilleag, barrachd air 120 eacarsaich agus faidhlichean fuaime gun chrìoch (592 pages, more than 120 exercises and endless sound files).

Cumaibh sùil air Amazon agus an duilleag aig Akerbeltz air Facebook

:D

Re: Blas na Gàidhlig

Posted: Sun Feb 13, 2011 1:10 am
by faoileag
Naidheachd dìreach sgoinneil, a charaid!

Image

Math fhèin!


Meal do naidheachd! :D

Re: Blas na Gàidhlig

Posted: Sun Feb 13, 2011 10:23 am
by Gràisg
Image
tweet1 by Gràisg, on Flickr

:moladh: Sin thu fhèin a charaid!

Re: Blas na Gàidhlig

Posted: Sun Feb 13, 2011 1:44 pm
by GunChleoc
Meal do naidheachd! :D

Re: Blas na Gàidhlig

Posted: Wed Mar 02, 2011 2:01 am
by akerbeltz
Thèid a chur air bhog gu oifigeil air an 26mh latha dhen Mhàrt aig Leabhar ? Craic (CCA, Glaschu) - barrachd fiosrachaidh ri tighinn!
It'll be officially launched on 26 March at Leabhair ? Craic (CCA, Glasgow) - more info to come!

Re: Blas na Gàidhlig

Posted: Wed Mar 09, 2011 11:26 pm
by akerbeltz
'S e comhairle nan leabhraichean a' chiad bhùth a tha 'gan reic :D

https://lsh507.securepod.com/gaelicbook ... ts_id=1142

Re: Blas na Gàidhlig

Posted: Thu Mar 10, 2011 9:44 am
by GunChleoc
Meal do naidheachd! :moladh:

Re: Blas na Gàidhlig

Posted: Fri Mar 11, 2011 9:19 pm
by Caoimhin.MacGilliosa
Meal do naidheachd!, a Mhicheal!

Sin agad e! :D

Bidh mi a' cheannach an leabhar agad.

Re: Blas na Gàidhlig

Posted: Mon Mar 14, 2011 1:49 am
by akerbeltz
Gun robh math agad, tha mi toilichte sin a chluinntinn 's tha mi an dòchas gum dèan e feum dhut!

Thank you very much, glad to hear that and I hope it will be useful to you!

Re: Blas na Gàidhlig

Posted: Mon Mar 14, 2011 2:58 pm
by faoileag
Chan eil an ceangal gu http://www.akerbeltz.eu ag obrachadh air an làrach-lìn 'Comhairle.' (Dh'fheuch mi e air dà choimpiutair mu-thràth.)

Bhiodh e nas fheàrr an ceangal làn gu duilleag an leabhair fhèin a chur ann.

Link to your site on Glasgow bookshop site not working. I tried it on 2 computers. Better to have them put in the full link to the book page on your site.

http://www.akerbeltz.eu/booksg.html

:D

Re: Blas na Gàidhlig

Posted: Mon Mar 14, 2011 4:56 pm
by akerbeltz
Mo chreach, tha thu ceart. Dh'innis mi do CnanL mu dhèidhinn 's tha mi cinnteach gun cuir iad cear e màireach. Mòran taing son innse dhomh!

Re: Blas na Gàidhlig

Posted: Tue Apr 05, 2011 9:45 pm
by faoileag
Tha Mìcheal còir ri chluinntinn air Radio nan Gàidheal a' bruidhinn mun leabhar, mun obair aige air Dwelly air loidhne agus mu a dhèidhinn fhèin:

http://www.bbc.co.uk/programmes/b00zwhk9

You can hear Mìcheal talking on RnanG about the book, about his work on the online Dwelly and about himself.


Inntinneach gu dearbh!

Really interesting!

:D