Am Press realease aca:
PRÒGRAM LEASACHAIDH GÀIDHLIG THEATER NÀISEANTA NA H-ALBA
GA FHOILLSEACHADH LE DEALBH-CHLUICH ÙR BHO IAIN FIONNLAGH MACLEÒID
Theater an Traverse : Diardaoin 10 – Disathairne 19 Màirt
Theater nan Saoranach, Glaschu: Diciadain 23 – Disathairne 26 Màirt
Theater MhicPhàil, Ulapul: Diciadain 30 Màirt
An Lanntair, Steòrnabhagh: Dihaoine 1 Giblean
le Iain Fionnlagh Macleòid
Stiùirichte le Vicky Featherstone
Dealbhaichte le Kai Fischer
Dealbhadh Fuaim le Rob MacNeacail
Sgioba: Aonghas Pàdraig Caimbeul, Barnaby Power, Frangag Grey, Iain Ramage, Tònaidh Kearney
Tha Somersaults gu bhith air a chur air àrd-ùrlar ann an Theater an Traverse mar phàirt den chòmhnaidheachd còig-bliadhna Reveal aig Theater Nàiseanta na h-Alba. Bidh an dealbh-chluich air àrd-ùrlar ann an Dùn Èideann bho Diardaoin 10 gu Disathairne 19 Màirt agus a’ leantainn air adhart an uair sin ann an Theater nan Saoranach, Glaschu, Theater MhicPhàil, Ulapul agus An Lanntair, Steòrnabhagh.
Tha an dealbh-chluich ùr seo leis an sgrìobhadair dràma Gàidhlig, Iain Fionnlagh Macleòid, a bhios air a chur air àrd-ùrlar airson a’ chiad uair ann an Theater an Traverse, a’ cur prògram leasachaidh ùr air bhog do luchd-ealain Ghàidhlig agus obair ann an Theater Nàiseanta na h-Alba.
Thàinig an dealbh-chluich gu bith tro chòmhradh mu chrìonadh na Gàidhlig eadar an sgrìobhadair, Iain Fionnlagh MacLeòid agus Vicky Featherstone, an Stiùiriche Ealaineach aig Theater Nàiseanta na h-Alba. Thugadh Ceangal Sgrìobhadair leis a’ Chompanaidh do dh’Iain ann an 2009 agus na dhèidh sin chaidh coimisean sgrìobhaidh a bhuileachadh air, a tha a-nis a’ toradh ann an taisbeanadh de Somersaults mar choileanadh àrd-ùrlair aig àm Reveal.
Tha gach nì a dh’iarradh e aig a’ cheumnaiche à Cambridge, Seumas (Tony Kearney): beairteas, bean eireachdail, Alison (Frangag Grey) agus flat fìor-spaideil ann an Lunnainn. Ach, nuair a ghluaiseas an luchd-fiach a-steach agus a bhean a-mach, tha Seumas gu h-obann a’ tuigsinn gu bheil e air fhàgail gun nì. Dad ach facail, agus tha fiù iadsan a’ tòiseachadh a’ sleamhnachadh air falbh bhuaithe. Tha athair Sheumais, Sandaidh (Aonghas Pàdraig Caimbeul) a’ bàsachadh – an ceangal mu dheireadh gu làithean òige, agus leis a’ Ghàidhlig, cànan a bhreith is àraich. Leis a’ cheangal seo air imeachd, tha eagal air Seumas gun stad e dìreach a bhith beò.
A bheil aithreachas orm gu bheil mo chànan a’ bàsachadh?
Tha.
Tha mi a’ fidreachdainn oirean den t-solas a’ gluasad a-steach agus tha mi a’ gabhail iongnadh am bi ann ach mi fhìn latheigin, no cuideigin coltach rium, a’ giùlain fhacal don t-saoghal air nach eil aithne aig neach sam bith eile.
Gun roghainn aige ach aghaidh a chur ris an àm a dh’fhalbh agus ris an t-strì a thaobh dearbh-aithne an taobh a-staigh dheth, tha Seumas a’ rannsachadh cudromachd cànain agus mar a tha cànan a’ comharrachadh cò sinn. Tha ceistean dearbh-aithne, buinteanas agus fèin-mhothachadh uile-choitcheann, ge ’r bith dè an cànan a th’ agad.
Air a taisbeanadh mar choileanadh àrd-ùrlair – tha an dealbh-chluich bheag seo, a thàinig gu ìre thairis air ceala-deug, a’ ceadachadh do luchd-amharc co-roinneadh ann am mean-fhàs na deilbh-chluiche seo, agus faighinn a-mach mar a leasaicheas i nas fhaide.
Thuirt an Sgrìobhadair, Iain Fionnlagh Macleòid: “Tha a bhith ag obair le Theater Nàiseanta na h-Alba air dealbh-chluich mu cheistean cànain agus dearbh-aithne air a bhith mar aon de na gnìomhan as inntinniche, as fhollaisiche agus as dùbhlanaiche a tha air a bhith agam a-riamh an lùib dràma.
“ ’S e an taic agus an t-ealantas a tha Theater Nàiseanta na h-Alba a’ tairgsinn, dìreach an nì air a bheil feum aig luchd-cleachdaidh dràma le Gàidhlig gus obair spreagail buntainneach a thoirt gu buil.”
Mar a bhios an Companaidh a’ leantainn air adhart a’ leasachadh, thathar a’ coimhead ris a’ chiad Com-pàirtiche Ealain Gàidhlig a chur an dreuchd. Bidh an Com-pàirtiche seo ag obair le Theater Nàiseanta na h-Alba thairis air 12 mìosan, gus taic a chur ri planadh ealaineach a’ Chompanaidh, a phrògram leasachaidh Gàidhlig fhiosrachadh agus pròiseactan ealaineach ùra pearsanta a dhealbh. Thathar ag iarraidh air neach sam bith le ùidh tuilleadh fiosrachaidh fhaotainn / Pasgan Obrach a luchdachadh sìos, le bhith a’ tadhal air:
http://www.nationaltheatrescotland.com/jobs
Tha Vicky Featherstone, Stiùiriche Ealaineach, Theater Nàiseanta na h-Alba, a’ mìneachadh an rùin air cùlaibh an t-Seusain Reveal: “Tha an t-àm ann na cùirtearan a tharraing air ais agus cuireadh a thoirt do luchd-amharc a thighinn a-steach a dh’fhaicinn cuid den obair a tha sinn air a bhith a’ leasachadh aig Theater Nàiseanta na h-Alba. Tha mòran an seo mu ùidh na h-Alba anns an t-saoghal eadar-nàiseanta – deilbh-chluich à Brazil, Venezuela, Argentina ann an seusan Dealbh, Paidh agus Pinnt, a thuilleadh air iomadh-fhillteachd beusanta còir neach sam bith co-dhùnaidhean a dhèanamh do dhaoine eile, mar a chaidh a sgrùdadh ann an Girl X.”
Airson fiosrachadh mu na gnìomhachdan uile ann an Seusan Reveal
gliogaibh an seo
NOTAICHEAN DO LUCHD-DEASACHAIDH
1. Tha Theater Nàiseanta na h-Alba a’ faotainn taic bho Riaghaltas na h-Alba. Bho chaidh a chur air bhonn sa Ghearran 2006, tha Theater Nàiseanta na h-Alba air a bhith an sàs ann an cruthachadh còrr agus 137 deilbh-chluich ann an 125 diofar àiteachan. Gun togalach buntainneach fa leth, tha an Companaidh a’ toirt dràma fad’ is farsaing air feadh na h-Alba agus nas fhaide, ag obair le togalaichean is companaidhean a th’ ann agus feadhainn ùra, gus dràma den ìre as àirde a chruthachadh agus a thoirt air chuairt. Bidh sin a’ gabhail àite ann an togalaichean mòra na h-Alba, ach cuideachd ann an àiteachan sònraichte, puirt-adhair agus flataichean àrda, tallachan coimhearsnachd agus tallachean drile, aiseagan agus coilltean. Tha an companaidh air cluich air àrd-ùrlar do suas ri 600,000 neach, thar trì mhòr-roinnean.
2. Seusan Reveal - Airson fiosrachadh mu na gnìomhachdan uile a tha rim faicinn ann an seusan Reveal
gliogaibh an seo
3. Tha dreuchd Com-pàirtiche Ealain Gàidhlig aig Theater Nàiseanta na h-Alba air a dhèanamh comasach tro thaic bho Bòrd na Gaidhlig.
FIOSRACHADH MU THACHARTASAN
Àite, Cinn-latha & Amannan: Theater an Traverse, Dùn Èideann
Diardaoin 10 – Disathairne 19 Màirt aig 7f. (cha bhi Diluain 14mh)
Prìs Tiogaidean: Dimàirt – Diardaoin & Didòmhnaich £8 (Gun obair £5), Dihaoine & Disathairne £12 (Gun obair £8)
Air-loidhne:
http://www.traverse.co.uk
Oifis Bocsa: 0131 228 1404
Àite, Cinn-latha & Àm: Theater nan Saoranach, Stiuidio a’ Chearcaill, Diciadain 23 – Disathairne 26 Màirt, 7.30f.
Prìs Tiogaidean: £12.50 (lasachadh ri fhaotainn)
Air-loidhne:
http://www.citz.co.uk
Oifis Bocsa: 0141 429 0022
Àite, Ceann-latha & Àm: Theater MhicPhàil, Ulapul, Diciadain 30 Màirt 7.30f.
Prìs Tiogaidean: £7/£5
Air-loidhne:
http://www.thebooth.co.uk
Oifis Bocsa: 01854 613336
Àite, Ceann-latha & Àm: An Lanntair, Steòrnabhagh, Dihaoine 1 Giblean 8.00f.
Prìs Tiogaidean: £10/£9/£8
Air-loidhne:
http://www.lanntair.com
Oifis Bocsa: 01851 708 480
Airson tuilleadh fiosrachaidh naidheachd, agallamhan, criomagan fiolm, tiogaidean luchd-naidheachd, cuiribh fios gu Liz Nic a’ Ghobhainn (mion-fhiosrachadh gu h-ìosal)
Dèanaibh ceangal le Theater Nàiseanta na h-Alba tro:
Twitter,
Facebook agus
Youtube