Page 1 of 1
Muileann no eaglais
Posted: Fri Apr 15, 2011 9:15 pm
by Thrissel
Thachair mi air seanfhacal seo agus chan eil mi ga thuigsinn:
Dèanadh e muileann no eaglais dheth.
Ge be a tha e a' ciallachadh 'He would reach a mill or a church' air neo 'He would make a mill or a church of it', chan fhaic mi dè an ciall dha. A bheil fhios aig duine sam bi?
Re: Muileann no eaglais
Posted: Sat Apr 16, 2011 11:42 pm
by Seonaidh
Uill, tha agam ri ràdh nach eil mi cinnteach. Ach dè th' ann am muileann no eaglais? Ma nì sibh coimeas le taighean nan Gàidheal, 's e togalachan mòra a th' annta. Mar sin, chreidinnsa gu bheil seo coltach ris a' Bheurla "to make a mountain out of a molehill". Sin e, a dhol OTT, meudachadh trioblaid amsaa.
Re: Muileann no eaglais
Posted: Sun Apr 17, 2011 8:55 pm
by akerbeltz
Chan e, tha e nas fhaisge air "take it or leave it", facal air an fhacal rudeigin mar "i don't care if you consider it a mill or a church"
Re: Muileann no eaglais
Posted: Mon Apr 18, 2011 9:14 pm
by Thrissel
Taing, tha e nas fhollaisiche dhomh a-nis! Mar eisimpeir mar seo?
A: "Tha an tairgse agad gu amharasach math, chan eil mi cinnteach gun gabh mi i." - B: (crathadh guaillean) "O, dèanadh e muileann no eaglais dheth."
Re: Muileann no eaglais
Posted: Tue Apr 19, 2011 2:25 am
by akerbeltz
B: (crathadh guaillean) "O, dèanadh e muileann no eaglais dheth."
Hm chanainn
B: "Do thoil fhèin, dèan muileann no eaglais dheth"
Re: Muileann no eaglais
Posted: Tue Apr 19, 2011 4:01 pm
by Thrissel
A-ha, chì mi e a-nis. Bha pàirt dhen trioblaid nach robh co-theacsa aig an seanfhacal, bha e dìreach fear ann an liosta. Taing a-rithist!
Re: Muileann no eaglais
Posted: Sun Dec 04, 2011 2:17 am
by An Gobaire
Seo an seanfhacal a' nochdadh ann an artaigeal le Raghnall Macilledhuibh an t-seachdain sa chaidh:
http://www.scotsman.com/news/gaelic/cei ... _1_1973841
IS TOIL leam Dàn do Shomhairle: Poems for Sorley (Urras Shomhairle agus Leabharlann Bàrdachd na h-Alba, £6) gu mór. Tha am prionnsabal a’ còrdadh rium: cuspair a thoirt do dh’aona bhàrd deug (seachdnar Ghàidhlig agus ceathrar Bheurla) agus leigeil leotha eaglais no muileann a dhèanamh dheth. Sgrìobh a’ mhórchuid de na bàird Ghàidhlig (Meg Bateman, Aonghas Pàdraig Caimbeul, Catrìona NicGumaraid, Maoilios M Caimbeul, Aonghas MacNeacail) dàin làn meas air Somhairle.
An seo, saoilidh mi gu bheil e a' ciallachadh
"make what they will of it".
Re: Muileann no eaglais
Posted: Sun Dec 04, 2011 3:34 pm
by faoileag
Abair cuimhne a th' agad, a charaid!
