Page 1 of 1

Personality traits

Posted: Thu Apr 28, 2011 7:01 am
by diddles25
Ciamar a chanas mi:

Manipulate/manipulative
Glib
Antisocial

Chan eil mi cinnteach, ciamar a theireadh mi seo no a bheil ann samhail?

Re: Personality traits

Posted: Thu Apr 28, 2011 10:56 pm
by An Gobaire
A rèir a' cho-theacs.

CHan eil dad as aithne dhomh a tha dha-rìreadh co-ionann ri ciall an fhacail "glib", ach tha mòran fhaclan ann a tha dlùth ris ann an ciall.

glib - leamh, neo-sheaghail, leibideach

Mar eisimpleir, "thuirt e rudeigin leamh."

Manipulate/Manipulative - corra rud a tha faisg...

Manipulate - a' cur tionndadh ann an .....; a' cur car ann an..
Manipulative - cuilbheartach, carach, seòlta, clìceach

(Clìc = droch chleas)

Tha seo uile a rèir an t-suidheachaidh...

Antisocial - ana-shòisealta

Re: Personality traits

Posted: Fri Apr 29, 2011 12:16 am
by Thrissel
Tha Am Faclair Beag agus am faclair le Colin Mark ag eadar-theangachadh glib gu cabanta.

Re: Personality traits

Posted: Fri Apr 29, 2011 3:12 am
by diddles25
Tapadh leibh! Tha mi a' cur luaich mhòir air seo; tha mi air a bhith a' feuchainn a lorg na samhailean as fheàrr air mòran faclan.

Agus "cabanta"= "glib" gun ciall eile? Chan eil mi cinnteach air na chiallaicheadh sin.

Re: Personality traits

Posted: Fri Apr 29, 2011 10:19 am
by An Gobaire
A bheil "cabanta" co-cheangailte ri "cab" ma-tà?

Tha "cab" a' ciallachadh "Beul" ach mar as trice, cha bhithear ga chleachdadh ach mar sheòrsa de mhì-mhodh. M.e. "Dùin do chab", no mar chainnt dhùthchail.

Mar sin, 's dòcha gu bheil "cabanta" coltach ri "beulach", oir tha fear an seo san Eilean Sgitheanach (bràthair mo mhanaidsear) air a bheil "Coinneach caban'" - oir bidh e bruidhinn/cabadaich gu tric.

Re: Personality traits

Posted: Sat Apr 30, 2011 2:22 am
by diddles25
An Gobaire wrote:A bheil "cabanta" co-cheangailte ri "cab" ma-tà?

Tha "cab" a' ciallachadh "Beul" ach mar as trice, cha bhithear ga chleachdadh ach mar sheòrsa de mhì-mhodh. M.e. "Dùin do chab", no mar chainnt dhùthchail.

Mar sin, 's dòcha gu bheil "cabanta" coltach ri "beulach", oir tha fear an seo san Eilean Sgitheanach (bràthair mo mhanaidsear) air a bheil "Coinneach caban'" - oir bidh e bruidhinn/cabadaich gu tric.
Shaoilinn gun dèanadh sin tuigse. Mar dealbh eile de "gob".

Agus ciamar a chanas mi "narcissist", "control freak", no "self-absorbed"? ...Ma th'ann samhail dìreach no dlùth, mar ghabhainn orm fhèin. Th'ann mòran gum bu mhath leam 'ionnsachadh!