Page 1 of 1

Munntir an t-Sabhail

Posted: Sun Jan 27, 2008 10:22 pm
by Coinneach Cìr
Cò agaibh a bhios timcheall eadar 8mh is 10mh Gearran? Tha mi gu bhith aig Sabhal Mòr dèanamh cùrsa seinn còmhla ri Christine Primrose. Bhiodh e math tachairt ribh ma bhios cothrom ann....bidh mi ann uaireigin feasgar Dihaoine, tha sin a crochadh air ciamar a thèid cùisean le m' obair ann am Port Rìgh tron là ach bidh mi ann air an oidhche co-dhiù.
:cabhag:

Posted: Tue Jan 29, 2008 11:51 pm
by neoni
bidh mi fhìn mun chuirt.

cuideachd, bidh clas karate ann oidhche dimairt, nam biodh uidh agad ann an sin?

Posted: Wed Jan 30, 2008 12:08 am
by Coinneach Cìr
Bhiodh ach tha mi falbh feasgar na Sàbaid. 'S dòcha an ath thuras agus tha mi 'n dòchas gum faic mi thu!

Posted: Wed Feb 06, 2008 12:24 am
by Coinneach Cìr
Chan eil mi tighinn a-nis, chaidh an cùrsa chur dheth :(

Posted: Wed Feb 06, 2008 9:15 am
by GunChleoc
'S bochd sin :(

Posted: Wed Feb 06, 2008 9:25 pm
by neoni
Coinneach Cìr wrote:Chan eil mi tighinn a-nis, chaidh an cùrsa chur dheth :(
an deach???? :D

duilich g'eil mi cho toilichte, ach chan fheum mi bhith aig obair aig leth uair 's dèidh seachd a-nis :lol: :lol: :lol:

Posted: Wed Feb 06, 2008 10:31 pm
by Coinneach Cìr
neoni wrote:an deach???? :D

duilich g'eil mi cho toilichte, ach chan fheum mi bhith aig obair aig leth uair 's dèidh seachd a-nis :lol: :lol: :lol:
Uill tha mise duilich cuideachd, tha na clasaichean dannsa cheum agus fidheall fhathast a tachairt :)

Posted: Wed Feb 06, 2008 10:58 pm
by neoni
:mhoire:


am bi an clas agad ann uaireigin eile?

Posted: Thu Feb 07, 2008 10:13 pm
by Coinneach Cìr
neoni wrote:am bi an clas agad ann uaireigin eile?
Uill chaidh innse dhomh gum biodh cùrsa eile ann as t-Samhradh ach chan eil mi cinnteach fhathast an urrainn dhomh a bhi an làthair :?

Posted: Thu Feb 07, 2008 11:18 pm
by neoni
feumaidh mi aideachadh - ged a tha mi cho measail air an àite sa ghabhas - gum b' urrain dhaibh a bhith caran nas organised.

tha mi 'n dòchas gum faigh thu cothrom airson an clas a dhèanamh

Posted: Fri Feb 08, 2008 3:52 pm
by Coinneach Cìr
neoni wrote:tha mi 'n dòchas gum faigh thu cothrom airson an clas a dhèanamh
Tha agus mise....ceud taing :)