Co-labhairt is Cuirm-chiùil, Dùn Èideann 23-24/6/2011
Posted: Thu Jun 02, 2011 9:45 pm
Tha mi cinnteach gum bi uidh aig daoine anns an co-labhairt is cuirm-chiùil a seo:
Alasdair MacGilleMhìcheil: Cruinneachaidh, Connspaid is Co-theacs
Diardaoin 23 gu Dihaoine 24 Òg-mhìos 2011
Ionad Chruinneachaidhean-Rannsachaidh,
Leabharlann Oilthigh Dhùn Èideann, Ceàrnag Sheòrais, Dùn Èideann.
Gus comharrachadh mar a thèid an ceum as ùire de Phròiseict MhicGilleMhìcheil MhicBhatair a choilionadh a dh’ aithghearr, tha e ’na adhbhar-pròis do dh' Ionad Chruinneachaidhean-Rannsachaidh co-labhairt mhòr eadar-roinneil a thairgsinn aig a bheil mar chuspairean beatha, obair, agus dìleab Alasdair MhicGilleMhìcheil (1832–1912), fear-cruinneachaidh beul-aithris, ùghdair (Carmina Gadelica), agus sàr Ghàidheal.
Am measg nan cuspairean sònraichte a thèid cnuasachadh aig a’ cho-labhairt bidh teaghlach MhicGilleMhìcheil; caraidean Alasdair MhicGilleMhìcheil; MacGilleMhìcheil mar fhear-cruinneachaidh theacsaichean agus nithean; MacGilleMhìcheil agus an àrainneachd; cho math ri beul-aithris anns an linn dhiotsataich.
Airson tuilleadh fios rachaibh gu:
http://www.carmichaelwatson.lib.ed.ac.u ... hairt.html
A BHARRACHD AIR A SIN...
Thèid a’ cho-labhairt gu crìoch le cuirm-chiùil ann an Tàlla na Ban-Naoimh Cecilia, Cowgate, Dùn Èideann, leis an t-seinneadair ainmeil Cathlin NicAonghais agus còisir ionadail Còisir Dhùn Èideann. Tha a’ chuirm-chiùil fosgailte do na h-uile; gabhaidh tiocaidean a cheannach air làraich-lìn ePay Oilthigh Dhùn Èideann: http://www.epay.ed.ac.uk - rannsaichibh le 'Carmichael'. Cosgaidh gach tiocaid 10 not, le deoch an asgaidh eadar dà leth na cuirme.
Ma bhitheas ceist agaibh mu dhèidhinn a' cho-labhairt neo a' chuirm-chiùil cuir fios gu carmichael.watson@ed.ac.uk
Ciorstag