Page 1 of 1
Foghlam Gàidhlig "na eisimpleir do chàch"
Posted: Tue Jun 21, 2011 11:15 pm
by faoileag
Tha aithisg ùr a rinn Luchd-Sgrùdaidh nan Sgoiltean ag ràdh gum faodadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Alba a bhith na eisimpleir do chàch.
Thuirt an aithisg gun dèanadh ro-innleachd sgrìobhte nàiseanta air foghlam Gàidhlig - nach eil ann an-dràsta - feum mòr do dh'fhoghlam Gàidhlig aig gach ìre.
Dh'fhaodadh an stiùireadh sin cuideachd eisimpleirean a thoirt do dhùthchannan eile air mar a ghlèidhear 's a bhrosnaichear mion-chànan.
Tha an aithisg cuideachd a' togail air na laigsean a tha an Luchd-Sgrùdaidh a' faicinn ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.......
http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naid ... _hmi.shtml
Sa Bheurla:
http://hebridestoday.com/2011/06/gaelic-heritage/
Hmmm.

Re: Foghlam Gàidhlig "na eisimpleir do chàch"
Posted: Wed Jun 22, 2011 9:25 am
by Gràisg
Inntinneach, ach ma tha FMG na eismimpleir do chàch feumaidh feadhainn dhiubh a bhith ann an fìor, fìor droch stad. Tha fhios againn uile gu bheil cùisean fada bhon a bhith foirfe.
Seadh tha iad a' toirt iomradh air na laigsean ach saoil gu bheil iad airson deagh "snìomh" a chur air cùisean san fharsaingneachd? Tha mi an dùil agus an dòchas gun tig adhartas leis an riaghaltas ùr ann an Dùn Eideann ge-tà.
Re: Foghlam Gàidhlig "na eisimpleir do chàch"
Posted: Wed Jun 22, 2011 11:45 am
by Níall Beag
Tha mis' air an aon rabh ri Gràisg, ach...
Thuirt an aithisg gun dèanadh ro-innleachd sgrìobhte nàiseanta air foghlam Gàidhlig - nach eil ann an-dràsta - feum mòr do dh'fhoghlam Gàidhlig aig gach ìre.
Tha FtMnG "na eisimpleir do càch". Glé mhath. Ach mur eil ro-innleachd sgrìobhte air foghlam Gàighlig, agus tha ro-innleachd air a h-uile càil eile, 's docha gur e pairt den trioblaid a tha ro-innleachd, seach pairt den fuasgladh....
Re: Foghlam Gàidhlig "na eisimpleir do chàch"
Posted: Sun Jun 26, 2011 8:29 pm
by Seonaidh
Uill, tha mac agam aig an sgoil agus tha e a' dèanamh FMB (chan eil Gàidhlig ri faotainn ann an sgoiltean Fìobha idir, co-dhiù FMG!). Agus tha agam ri ràdh gur e foghlam math fhèin a tha e ga fhaighinn. Mar sin, ma bhios FMG "na eisimpleir do càch", BRING IT ON!
Re: Foghlam Gàidhlig "na eisimpleir do chàch"
Posted: Tue Jun 28, 2011 2:43 am
by akerbeltz
Muahahaha... cuideigin eile nach deach a-riamh thairis air a' chrìoch eadar Alba 's dùthaich sam bith eile. Tha foghlam dà-chànanach math ach FTMG 'na eisimpleir do chàch??? Nas fhearr na na Basgaich no na Cuimrich?
Leig leam smaoineachadh... tha dà bhun-sgoil againn agus aon àrd-sgoil, nas lugha na 3,000 sgoilear uile gu lèir, le uireasbhaidhean o bhun gu barr a thaobh tachartasan taobh a-muigh nan seòmar-teagaisg, gainnead leabhraichean, gainnead thidsearan... Cà bheil an eisimpleir do chàch ann?
Re: Foghlam Gàidhlig "na eisimpleir do chàch"
Posted: Tue Jun 28, 2011 10:56 pm
by Gordon Wells
Cha chreid mi nach eil na faclan "has the potential to be" caran cudromach an seo:
http://www.tes.co.uk/article.aspx?storycode=6090287
Re: Foghlam Gàidhlig "na eisimpleir do chàch"
Posted: Tue Jun 28, 2011 11:06 pm
by akerbeltz
Thud, dh'fhaodadh tu ràdh, leis an dearbh argamaid, "that Tony Blair has the potential to become the next Pope". Seadh... fireannach a th' ann ach a bharrachd air sin

Re: Foghlam Gàidhlig "na eisimpleir do chàch"
Posted: Mon Jul 04, 2011 10:22 pm
by faoileag
Agus a-nis...
BBC, 4 an t-Iuchar:
Laigsean ann am FMG air Ghàidhealtachd
http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naid ... ainn.shtml
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach urrainn dhaibh gealltainn gum faigh clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig bogadh sa chànan sa chiad trì bliadhna den sgoil aig an ìre seo............
Re: Foghlam Gàidhlig "na eisimpleir do chàch"
Posted: Fri Jul 08, 2011 8:25 pm
by Seonaidh
Och daor! (seann ràdh Beurla) Smathaid gun ciallaich an comhairliche "nach urrainn dhaibh gealltainn gum faigh clann foghlam tro mheadhan na Gàidhlig idir". Mura h-eil bogadh ann, chan e FMG a th' ann.