Opera Mini/Mobile

Pròiseactan mar Google in Your Language, an Uicipeid, Firefox, Thunderbird, Opera, LibreOffice/OpenOffice, phpBB, Scrabble is dearbhadairean / Projects like Google in Your Language, Wikipedia, Firefox, Thunderbird, Opera, LibreOffice/OpenOffice, phpBB, Scrabble and spell checkers
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Opera Mini/Mobile

Unread post by akerbeltz »

Tha Opera agus Akerbeltz a' toirt dhuibh Opera Mini/Mobile, a' chiad bhrabhsair Gàidhlig san t-saoghal a dh'obraicheas air fònaichean-làimhe agus tablaidean.

Fiosrachadh ùr (04 dhen Mhàrt 2012): Tha e furasta Gàidhlig a thaghadh air cuid dhe na h-innealan-làimhe (can Blackberry) ach tha e nas dorra air fònaichean Android. Ma tha Android agaibh, bidh agaibh seo a dhèanamh.

Air Blackberry, foghnaidh e a dhol gu http://www.opera.com/mobile/ agus Download » Download in another language » Opera Mini 6.5 for Blackberry Gàidhlig a thaghadh.

Chan eil mi cinnteach fhathast dè an dòigh as fhearr air tablaidean. Saoilidh mi gu bheil sin a' crochadh air an operating system agaibh. Faicibh 1 gu h-ìosal cuideachd.

1Carson? Deagh cheist... Tha Android (agus operating systems eile air fònaichean) nach bi duine sam bith ag iarraidh prògram air an fhòn aca ach sa chànan sa bheil an operating system. Ach aig an aon àm, chan eil iad deònach ach na cànain mhòra a thoirt dhut air. :olc: Ma-tà, ma cheannaicheas tu fòn-làimhe le Android air 's ma thèid thu dha Android Marketplace air tòir prògram, innsidh am fòn agad dha Marketplace gur e Beurla an cànan aig an fhòn agad. Chan fhaighnich Marketplace dhìot dè an cànan a bu toigh leat. Agus gheibh thu prògram sam bith, Opera Mini san t-suidheachadh seo, ann am Beurla ged a tha e ri làimh sa Ghàidhlig.
Ma stàlaicheas tu Custom Locale, 's urrainn dhut cumail ort gur e Gàidhlig an cànan aig an fhòn agad (ged nach bi buaidh sam bith eile air an fhòn). Ach ma thèid thu dha Android Marketplace a-nis, gheibh thu Opera Mini sa Ghàidhlig. Amaideas, tha fhios a'm, ach sin mar a tha na companaidhean mòra gu mì-fhortanach... gu fortanach, tha daoine ann mar InKa a bheir fuasgladh dhuinn!


faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Re: Opera Mini/Mobile

Unread post by faoileag »

Chan eil Opera no smartfòn agamsa (fhathast), ach meal do naidheachd a-rithist! :moladh:

Mar a chanadh mo sheanmhair: "May Heaven reward you, for I canna!" :D
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Opera Mini/Mobile

Unread post by akerbeltz »

LOL ach bidh, uaireigin 's dòcha ach san àm, taing a thaobh beannachd do sheamhnar :)
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Opera Mini/Mobile

Unread post by akerbeltz »

Dh'ùraich mi am fiosrachadh!
Post Reply