Fiosrachadh ùr (04 dhen Mhàrt 2012): Tha e furasta Gàidhlig a thaghadh air cuid dhe na h-innealan-làimhe (can Blackberry) ach tha e nas dorra air fònaichean Android. Ma tha Android agaibh, bidh agaibh seo a dhèanamh.
Air Blackberry, foghnaidh e a dhol gu http://www.opera.com/mobile/ agus Download » Download in another language » Opera Mini 6.5 for Blackberry Gàidhlig a thaghadh.
Chan eil mi cinnteach fhathast dè an dòigh as fhearr air tablaidean. Saoilidh mi gu bheil sin a' crochadh air an operating system agaibh. Faicibh 1 gu h-ìosal cuideachd.
1Carson? Deagh cheist... Tha Android (agus operating systems eile air fònaichean) nach bi duine sam bith ag iarraidh prògram air an fhòn aca ach sa chànan sa bheil an operating system. Ach aig an aon àm, chan eil iad deònach ach na cànain mhòra a thoirt dhut air.

Ma stàlaicheas tu Custom Locale, 's urrainn dhut cumail ort gur e Gàidhlig an cànan aig an fhòn agad (ged nach bi buaidh sam bith eile air an fhòn). Ach ma thèid thu dha Android Marketplace a-nis, gheibh thu Opera Mini sa Ghàidhlig. Amaideas, tha fhios a'm, ach sin mar a tha na companaidhean mòra gu mì-fhortanach... gu fortanach, tha daoine ann mar InKa a bheir fuasgladh dhuinn!