Eadar-theangachadh: car son a tha sinn ga dhèanamh?

Càil sam bith eile / Anything else
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Eadar-theangachadh: car son a tha sinn ga dhèanamh?

Unread post by GunChleoc »

Ath-phost bho Fòram nam Facal:

Seo aiste anns an Albannach:
Eadar-theangachadh: car son a tha sinn ga dhèanamh?

Published Date: 03 October 2009
By RAGHNALL MacilleDHUIBH leabhraichean ùra

THUIRT mi beagan an-seo mar-thà mu The Norse Mills of Lewis aig Finlay MacLeod (Acair, £15). Laigh Muilnean Beaga Leòdhais (Acair, £15) air an deasg agam cuideachd a-nis: an aon leabhar mór brèagha còmhdaich-cruaidh, làn de na h-aon dhealbhan daithte 's mono, ach ann an cànan eile. Mar sin, tha mi a' dol a ghabhail a' chothrom air rudeigin a ràdh mu eadar-theangachadh.

Se prìomh riaghailt an eadar-theangachaidh phrofeiseanta: "Bu chòir gach fios anns a' chànain tùsail a bhith sa chànain targaid cuideachd. Ach faodaidh cruth agus òrdan nam facal, agus structar nan rosgrannan, a bhith diofraichte."

Tha an dàrna riADVERTISEMENTaghailt a' buntainn ri deagh Ghàidhlig. "Air cho bochd 's gum bi a' chainnt sa chànain tùsail, bu chòir an litreachas as fheàrr sa chànain targaid a bhith an sùil inntinn an eadar-theangair. Se 'n t-amas gum bi an t-eadar-theangachadh nas fheàrr 's nas fhasa a thuigsinn na an teacsa tùsail. Cha bu chòir gum bi aig an leughadair ri bhith eòlach air a' chànain tùsail mun tuig e an teacsa sa chànain targaid."

Tha siud a' déiligeadh ris a' cheist: "San t-saoghal dhà-chànanach againne, có air a tha eadar-theangachadh Gàidhlig ag amas co-dhiù?" Se an fhreagairt: "Orrasan tha deagh-ionnsaichte ann an Gàidhlig, a tha meadhanach eòlach air cainnt a' Bhìobaill, 's a tha a' gabhail ùidh fharsaing ann an òrain, seanchas, leabhraichean saoghalta, reidio agus TBh, ach gu sònraichte leabhraichean – am meadhan sgrìobhte."

Thàinig eisimpleir dheth seo gu m' aire o chionn ghoirid. Ma dh'fheumas sinn aon fhacal air future, dé bu chòir a bhith ann? Àm-ri-teachd? Crannchur? Chanadh cuid gu bheil àm-ri-teachd a' bristeadh Riaghailt 2. Chanadh cuid eile gun deach an seann fhacal crannchur a ghoid a-nis leis an Lotaraidh Nàiseanta agus nach bu chòir a ghabhail air dad sam bith eile tuilleadh.

'Na mo cheann fhìn, chan eil ann an "crannchur" ach mar a chuirear neo a thuiteas na crainn ann an cluiche – sàr mheatafor son an àm ri teachd, 's chan eil mi a' faicinn argamaid 'na aghaidh den t-seòrs' a chuala mi mu "taisbeanadh" air exhibition – gun cuir e eagal orrasan a tha eòlach air Leabhar an Taisbeanaidh.

Tha gach eadar-theangachadh 'na chothromachadh. Tha feum, a réir Riaghailt 1, air soilleireachd. Gabh exploratory research ma-tà. A réir nam faclairean, dé Ghàidhlig a th' air explore? "Rannsaich." 'S dé Ghàidhlig a th' air research? "Rannsachadh." Tha sinn a' dèanamh cus feum de na h-aon fhacail. Mar sin: "rannsachadh splòrach"?
Tuilleadh: http://news.scotsman.com/gaelic/Eadarth ... 5700814.jp
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Re: Eadar-theangachadh: car son a tha sinn ga dhèanamh?

Unread post by An Gobaire »

Tha Raghnall glè cheart.

Agus, ma tha an aiste seo a' còrdadh riut, tha aiste eile leis mu eadar-theangachadh a th' air fhoillseachadh ann an "Cànan & Cultar / Rannsachadh na Gàidhlig 3" le Dunedin Academic Press. 'S e "Cunnart, Eadar-theangair ag Obair: Eachdraidh a' Phrionnsa le Iain MacCoinnich" an tiotal a th' air an aiste seo, agus 's e lèirmheas a th' ann a' coimhead gu mionaideach air obair eadar-theangachaidh a rinneadh le Iain MacCoinnich. Na rinn e gu math, agus nach do rinn e gu math.

Tha Raghnall a' toirt dhuinn eisimpleir san aiste "Eadar-theangachadh : carson a tha sinn ga dhèanamh" de dh' aon fhacal a tha a' gabhail a-steach tuilleadh 's a chòir de sheaghan - ' s e sin "Rannsachadh". 'S iomadh facal eile de sheòrsa a tha ann... mar eisimpleir, am facal "Foillseachadh", a tha a' gabhail a-steach "announce, publish, reveal" am measg grunn sheaghan eile.

An rud a tha a' còrdadh rium mu sgrìobhadh Raghnaill, 's e nach eil fiamh air a thaobh a bhith a' cur riochd Ghàidhlig air faclan iasaid agus le sin, gan toirt gu nàdarra agus gu siùbhlach a-steach don Ghàidhlig. Mura bheil facal aithnichte ann a tha a' dèanamh a' ghnothaich mar bu toigh leis, cuiridh e an cèill e air dòigh a tha a cheart cho Gàidhealach, ach aig an aon àm, beò san nuadh-aimsir mar a tha sinn uile. Chan e sin ri ràdh gu bheil e a' seachnadh fhaclan a bha ann riamh, an fheadhainn nach eil cuimhne dhaoine a' greimeachadh air cho tric san latha a th' ann. Ach, chan eil Raghnall a' trèigsinn tuigse airson facal spaideal Gàidhealach aig nach eil mòran daoine, agus mar sin, tha e beò san latha a th' ann an-diugh, agus a' Ghàidhlig a leughas sinne aige, nas fheàrr air tàilleabh sin.

Co-dhiù, dè ur beachdan, a dhaoine? "Exploratory research" - "Rannsachadh rùrachail"?
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: Eadar-theangachadh: car son a tha sinn ga dhèanamh?

Unread post by Seonaidh »

Sa Bheurla, nuair a bhios sibh a' smuaintinn oirre, cha dèan "exploratory research" mòran cèille. Dè th' ann an "research" ach "exploration"? An canadh sibh "exploratory exploration"? Mar sin, do dh"exploratory research" bhithinnsa ag ràdh "rannsachadh".
Post Reply