Page 1 of 1

Goireasan air loidhne

Posted: Sun Aug 07, 2011 12:58 pm
by akerbeltz
Seo na tha mise eòlach air:

An Stòr-dàta

Dwelly-d

Am Faclair Beag, stèidhichte air Dwelly-d ach le susbaint ùr ann; tha Faclair nan Gnàthasan-cainnte (an-seo) gu bhith ann mar eisimpleir.

Faclair na Pàrlamaid


Focail, goireas Gaeilge a tha seo ach tha e glè fheumail 's nas ùire na Acmhainn a bh' ann roimhe. Tha ainmean-àite 'na bhroinn cuideachd.

IATE, goireas Gaeilge eile ach gu math feumail a thaobh ainmean oifigeach na Roinn Eòrpa 's rudan mar sin.

Gin eile a tha feumail?

Re: Goireasan air loidhne

Posted: Sun Aug 07, 2011 4:59 pm
by Thrissel
'S dòcha an fheadhainn seo:

Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA)
http://www.gaelicplacenames.org/index.php

Ainmean-Àite na h-Alba (le Iain Mac an Tàilleir)
http://www.scottish.parliament.uk/vli/l ... htm#places

Faclan Nàdair SNH
http://www.snh.org.uk/gaelic/dictionary/default.asp

A Scots Gaelic Thesaurus le Garbhan MacAoidh
http://www.lulu.com/items/volume_62/187 ... 875594.pdf

Agus chan eil an ceangal do Fhaclair na Pàrlamaid ag obair air mo choimpiutair ach faodaidh mi faighinn dha taobh
http://www.scotland.gov.uk/Topics/ArtsC ... -parlamaid