Page 1 of 1

Co-dhùnadh pearsanta

Posted: Fri Aug 12, 2011 12:51 pm
by Níall Beag
Tha e coltach gum bi mi anns an t-Sabhal Mhór an ath mhios, gus an ath bhliadhna. Bliadhna ann an Slèite? Feumaidh mi dol dhan buth rothaireachd airson mo rothar a chuir air doigh roimhe -- chan eil móran ach raithdean anns an t-Eilean....

Re: Co-dhùnadh pearsanta

Posted: Sat Aug 13, 2011 10:38 am
by GunChleoc
Uill, chì mi thu nuair a bhios na clasaichean a' tòiseachadh! :D

Dè nì thu aig an t-Sabhal Mhòr?

Re: Co-dhùnadh pearsanta

Posted: Sat Aug 13, 2011 12:14 pm
by Níall Beag
Tha mi a' dol direach do ìre a-dhà, cànan 's cultar. Tha mi fhathast a' smaointinn air teagasg, agus bidh feum agam air ceithir-fichead puingean creidis anns a' Ghàidhlig roimhe. 120 puingean 'sa bhliadhna -- bidh mi ceart gu leòr.

Re: Co-dhùnadh pearsanta

Posted: Sat Aug 13, 2011 10:10 pm
by GunChleoc
Bidh mise bliadhna romhad, ach chì mi anns an t-seòmar-bidhe thu air a char as lugha! :D

Re: Co-dhùnadh pearsanta

Posted: Sun Aug 14, 2011 4:08 pm
by Níall Beag
O, tha ceist agam ort. Aig am na laithean saora -- dé na roighinnean leis an stuth agad? A bheil comnaidh stòrais ann no mar sin? Tha mi a' feuchainn ri taghadh dé tha mi gu toirt comhla....

Re: Co-dhùnadh pearsanta

Posted: Sun Aug 14, 2011 5:46 pm
by Níall Beag
Agus ceist eile -- ciamar a tha an t-uisge? Am bu choir dhomh "purifier" a thoirt dhomh?

Re: Co-dhùnadh pearsanta

Posted: Tue Aug 16, 2011 11:56 am
by GunChleoc
Fosglaidh iad seòmar airson an stuth aig a h-uile duine, ach cha bhi mòran ruim ann idir.

Tha chlorine anns an t-uisge gu mì-fhortanach, ged a thigeas uisge glan às na beanntan. Chan eil fios agam carson a chuireas iad an stuth seo ris :roll:

Re: Co-dhùnadh pearsanta

Posted: Sat Aug 27, 2011 10:14 pm
by Níall Beag
Mar sin, bidh "Lidl purifier jug" na stuth agam.

Ach dé an stuth eile, agus dé an goitar...?
(Argh, tha cus stuth agam!)

Re: Co-dhùnadh pearsanta

Posted: Sat Aug 27, 2011 11:41 pm
by faoileag
Gur math a thèid leat, agus gum bi rùm gu leòr agad airson a h-uile stuth... ;-))

Tha mi 'n dòchas gun còrd e ruit agus nach bi thu ro mhì-fhòighidneach leis an oifis, leis an luchd-teagaisg no leis na co-obraichean agad... tha iad uile a' ruith a rèir uair Sgitheananaich....

Lesson 1: Learn to possess your soul in patience. They won't, can't hurry up. So save your nerves. Live with it and find your own alternatives and compensations. :D

Re: Co-dhùnadh pearsanta

Posted: Tue Aug 30, 2011 10:27 am
by GunChleoc
Gu fortanach, ma thèid rudeigin gu cearr air sgàth 's nach deach e a dhèanamh ri àm, cuidichidh iad thu faighinn a-mach às na duilgheadasan an cois.

Chan eil na seòmraichean mòr, ach tha na preasaichean mòr. Bu chòir do rùm gu leòr a bhith san dreasair airson a' ghiotar. Cheannaich mi fhìn sgeilp beag do na bhrògan agam na chruthaich rum a bharrachd