Page 1 of 1

APC - "Cearcall-draoidheil na Gàidhlig"

Posted: Thu Aug 18, 2011 9:15 am
by Gràisg
Sa Phaipear-bheag an-diugh tha APC a-mach air cuisean shios ann an Sasann. "An saoghal air a chur bun-os-cionn airson paidhir trainers" mar a thuirt e. Co-dhiù aig a dheireadh tha e air tilleadh do Shaoghal na Gaidhlig agus breab eile do na h-ughdarasan:

"Gus and deilig sinn ris a sin cha bhi againn ach upraid ag eirigh as an ana-cheartas a th'aig a' bhun. Agus fhad's a tha mi aige, chan eil ann an saoghal beag na gaidhlig ach sgathan dhan ana-cheartas sin, far a bheil cumhachd is inbhe is airgead aig cuid agus far nach eil sion idir - far nach eil sealbh sam bith - aig feadhainn eile.
'S e na h-aon daoine a tha a-rithist agus rithist air na comataidhean agus air na budihnean: cearcall-draodheil na gaidhlig."

Gabh mo leisgeil APC, ceist inntinneach a tha sin ach nach do thog thusa sgillean no dha as a' sporran ud cuideachd?

Re: APC - "Cearcall-draoidheil na Gàidhlig"

Posted: Thu Aug 18, 2011 10:11 am
by faoileag
Thog, agus tha cuid 'sour grapes' ann, saoilidh mi, nach bi iad ga iarraidh sna buidhnean seo, leis cho beumach is àicheil a bhios e rin taobh. Cò aig a tha fios.

Ach rud a th' ann le buidhnean de gach seòrsa, tha e an-còmhnaidh doirbh daoine gnothachail le comas 'teamwork' fhaighinn idir. Tha a h-uile duine a' dèanamh gearan nach bi na comaitaidhean èifeachdach, no gur e mafia a th' annta, ach chan eil iad ro dheiseil is dheònach a bhith ag obair annta iad fhèin.

Mar sin tha mise co-dhiù toilichte gu leòr gu bheil daoine ann mar Art còir aig a bheil comas agus eòlas agus a tha deiseil an t-uallach sin a thoirt orra.

Re: APC - "Cearcall-draoidheil na Gàidhlig"

Posted: Thu Aug 18, 2011 3:04 pm
by Gràisg
Uill tha mise den bheachd nach eil a h-uile càil buileach ceart agus nach eil a h-uile càil buileach ceàrr ( :) Ach co-dhiù saoil nan robh fìor Chearcall-draoidheil na Gàidhlig ann, dh'fhaodadh iad òr a chruthachadh as an adhair agus bhiodh a h-uile trioblaid air falbh sa bhad agus bhiod a h-uile neach-mathair aig a bheil beagan Gaidhlig air 100K gach bliadhna.