Attitudes Towards the Gaelic Language Official Survey result

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Attitudes Towards the Gaelic Language Official Survey re

Unread post by GunChleoc »

'S e droch naidheachd a th' ann seo. :(


Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Re: Attitudes Towards the Gaelic Language Official Survey re

Unread post by An Gobaire »

Agus rud 's math dh’fhaodte nas miosa :

Sheall an rannsachadh cuideachd gu bheil nas lugha na 1% den chonaltradh a nì an sluagh ris a' Chomhairle ga dhèanamh anns a' Ghàidhlig.

Chan iongnadh sin idir. Chan eil mòran den luchd-obrach aca deònach a' Ghàidhlig a chleachdadh leis a' phoball. Feuch agus cuir litir Ghàidhlig thuca mun chìs chomhairle. Ge-tà..chuir mi seic thuca turas leis an t-suim airgid sgrìobhte ann an Gàidhlig, agus mhothaich iad gun robh rudeigin ceàrr air. Chuir iad air ais thugam e airson ceartachadh, ach sgrìobh iad ann am Beurla thugam.
Saoil gum faod sin a bhith co-cheangailte leis na tha Tormod MacGill-Eain ag ràdh san leabhar mu dheireadh aige (td 205)?
Chan eil teagamh gur ann mar sin a bha e ann an linn òige Thormoid Mhicilleathain, ach san latha a th' ann an-diugh, chan eil teagamh nach e an cion fileantachd as coireach nach eil iad a' cur an cuid Gàidhlig ann an cleachdadh. Saoil an e an cion fileantachd aca as coireach don chion mhisneachd no cion spèis dhi? Ach, mura cleachd iad i, chan fhàs i nas fheàrr, 's ann nas miosa a dh'fhàsas i. Tha feadhainn ann a tha fileanta gu leòr ach ma dh'fhaoidte nach eil a' faighinn cothrom cleachdaidh....?
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
Post Reply