Page 1 of 1
ceist bheag
Posted: Sat Feb 02, 2008 3:28 pm
by neoni
ciamar a tha am facal sìor ag obair le stuth mar gam/gad/ga/msaa?
am biodh "tha mi gad fhaicinn";
"tha mi gad shìor fhacinn"?
cha chuala mi a-rìamh e, 's cha chreid mi gun cleachd mi a-chaoidh e, ach bu toil leam fios a bhith agam

Posted: Sat Feb 02, 2008 5:47 pm
by Gràisg
Saoilidh mi gu bheil thusa ceart a charaid. Carson? Thug mi suil air Gàidhlig list B agus chunnaic mi na leanas.
Subject: Re: 'ga' - bha: beagan leughaidh air loidhne 2
From: Colin Mark <log>
Reply-To: Scottish Gaelic Language beginners forum <log>
Date: Sat, 3 Jan 2004 17:09:29 -0000
Content-Type: text/plain
Parts/Attachments:
text/plain (40 lines)
Fhionnghal,
> agus ehm! "tha mi gan sìor-dhìo-chuimhneachadh" i'm continually
> forgetting them ...mmm! dh'fhaoidte! ..
>
> a Chailein? grammatically this 2nd example looks correct but i've never
> had cause to use "a' sìor-" with the gam, gad construction. is it ok?
I can't find an example of sìor dhìo-chuimhneachadh (no hyphen, by the way,
before verbs), but using 'ga' etc. with 'sìor' is perfectly O.K.
Here are some examples, the first two from the Scotsman, and the last from
Rosg nan Eilean, with authors.
's tha Roinn na Gaidhealtachd (mo nàir' orra, iad fhéin 's an cuid
phoileasaidhean gleansach Gàidhlig, mas fhìor) gan sìor ruaigeadh tro
luchd-lagha air son nan ceudan notaichean.
Aonghas Pàdraig Caimbeul
Bha mi cuideachd a' leughadh aithisg bhliadhnail á CCG agus mar a tha an
t-airgead a tha iad a' faighinn on Riaghaltas ga shìor ghearradh.
Criosaidh Dick
Bha reul-chrios Andromeda, Centaurus agus mìltean de 'n leithid 'ga shìor
tharraing (with reference to 'mankind')
Cailein T. McCoinnich
It would appear, then, that 'gan sìor dhìochuimhneachadh' is possible, but I
would prefer a native speaker to confirm this!
Cailean
Cànan ar Cridhe 's ar Gaoil
http://www.gaeldesign.com/colinmark
Want to signoff for a while?
Send command SIGNOFF GAIDHLIG-B to [log in to unmask]
Posted: Sat Feb 02, 2008 11:31 pm
by neoni
glè mhath
taing - bu chòir dhomh a bhith air a ghoogladh mus do chuir mi an ceist an seo
Posted: Sun Feb 03, 2008 10:57 am
by Gràisg
Tha inneal-rannsachaidh air an list B agus tha e uabhasach fhèin feumail, tha na 'grammar freaks' air a bhith trang bhon latha a thoisich an t-eadar-lìn.
https://listserv.heanet.ie/cgi-bin/wa?S1=GAIDHLIG-B
Posted: Sun Feb 03, 2008 6:17 pm
by GunChleoc
Tapadh leat!
