Page 1 of 1

Faclair Ùr do Riaghaltas Ionadail - caran cliopach

Posted: Tue Sep 13, 2011 12:35 pm
by An Gobaire
Bidh am faclair seo feumail do dhaoine, ach cha chreid mi nach bi mòran fhaclan ann nach tig ri ar càil a chionn 's gu bheil iad car cliopach a' coimhead (no a' cluinntinn), no a chionn 's gu bheil faclan nas fheàrr ann, agus a th' air a bhith ann bho chionn fhada, ged a tha iad air facal ùr a chruthachadh. Airson cuid eile dhiubh, bheir e ùine mus fhàs sinn cleachdte riutha, agus aon uair 's gu bheil sinn air fàs cleachdte ris an fhacal ùr, bidh dùil gun tèid an cur an cleachdadh.

http://www.cne-siar.gov.uk/gaelic/facla ... index.html

Mar eisimpleir, tha am facal a th' aca airson "impeach" caran neònach dhomh.

casaidich, a' casaideachadh (chan eil mi a' faicinn ciamar a ghabhas am facal seo a chleachdadh anns a h-uile suidheachadh a thathas a' bruidhinn air "impeachment". Gu ruige seo, 's e "dìteadh" a chuala mi. Mar eisimpleir, "math dh'fhaoidte gun tèid an Ceann-suidhe Bush a dhìteadh airson Cogadh Iorac." 'S e sin an trioblaid nuair a thathas a' cur faclair ùr ri chèile, nach eilear a' smaoineachadh air a h-uile co-theacs, no suidheachadh...

Facal eile a tha a' cur dragh orm. "Hidden Agenda" - Clàr-gnothaich falaichte. (Tha sin fada ro litireil)

Tha "clàr-dubh" nas fheàrr nam bharail, no "cuilbheart" mar a th' aca foidhe.

Tha "clàr-dubh" aige.

He has a hidden agenda.

Cha tug mi sùil mhionaideach air a' chòrr dhen fhaclair fhathast, ach a dh' aindeoin nan rudan sin, tha mi an dòchas gu bheil faclan agus abairtean ùra math ann.

Re: Faclair Ùr do Riaghaltas Ionadail - caran cliopach

Posted: Wed Sep 14, 2011 9:27 pm
by Thrissel
Chan eil mi cinnteach, ach nach eil impeachment agus casaideachadh nas fhaisge ri "accusation", ach dìteadh nas fhaisge ri "conviction"?

Re: Faclair Ùr do Riaghaltas Ionadail - caran cliopach

Posted: Wed Sep 14, 2011 9:33 pm
by An Gobaire
Ach smaoinich air dè is ciall dha "impeachment" ann an da-rìribh.

'S e facal a th' ann airson "conviction", ach a tha gu sònraichte air a chleachdadh mas e neach cudromach mar cheannard dùthcha a bhios air a dhìteadh. Gabhaidh "dìteadh" cleachdadh airson sin.

Re: Faclair Ùr do Riaghaltas Ionadail - caran cliopach

Posted: Wed Sep 14, 2011 9:43 pm
by Thrissel
Uill cha chreid mi nach robh Bill Clinton impeached, ach cha chreid mi gun robh e convicted.
http://en.wikipedia.org/wiki/Impeachmen ... ll_Clinton

Re: Faclair Ùr do Riaghaltas Ionadail - caran cliopach

Posted: Thu Sep 15, 2011 9:26 am
by An Gobaire
Cha robh mi a' tuigsinn an fhacail "impeached" gu ceart ma-tà! Bha mi an dùil nach biodh iad "impeached" gus an robh iad air an dìteadh. Mar sin, 's dòcha gu bheil casaidich ceart gu leòr, ach mar iomadh eadar-theangachadh Gàidhlig eile, chan e buileach an aon rud a th' ann ri "impeached".

Re: Faclair Ùr do Riaghaltas Ionadail - caran cliopach

Posted: Thu Sep 15, 2011 5:15 pm
by An Gobaire
Thàinig e a-steach orm cuideachd gum faod brìgh no dhà eile a bhith air "dìteadh" a rèir an t-suidheachaidh.

Mar eisimpleir, "Bha croitearan is coitearan a' dìteadh a' bhile ùr a bha a-nis fa chomhair na Pàrlamaid."

Crofter and cottars condemned the new bill that was now presented to Parliament.

Mar sin, 's e sin as adhbhar gur e "dìteadh" as fheàrr air "impeachment", oir thathar "condemning" a' cheann-suidhe no ceannard dùthcha.

Eisimpleir eile: Dhìt na croitearan an luchd-riaghlaidh airson na saighdearan a chur do Thiriodh

The crofters condemned the authorities for sending soldiers to Tiree.