Page 1 of 1

Corra ghritheach ris an canar Artair

Posted: Tue Sep 20, 2011 11:40 pm
by Gràisg
Image
herong1 le Dealbangurnnurn.com, air Flickr

Artair, Corra-ghritheach a tha a' fuireach ann an Baile na Gailmhin (Cathair na Gaillimhe). Tha muinntir an àite a' toirt biadh dha agus esan deisil agus deònach brath a' gabhail orra.

Re: Corra ghritheach ris an canar Artair

Posted: Wed Sep 21, 2011 9:34 am
by GunChleoc
Tha i brèagha! :D

Re: Corra ghritheach ris an canar Artair

Posted: Wed Sep 21, 2011 12:00 pm
by poor_mouse
'S e eun bòidheach a tha innte agus 's e ainm glè mhath a tha ann!

Chan eil fhios agam; dè ur beachd: carson "ghritheach"? A bheil i glè ghlic?

Re: Corra ghritheach ris an canar Artair

Posted: Wed Sep 21, 2011 9:49 pm
by Gràisg
Nuair a thig e gu iasgach faodaidh tu a bhith cinnteach às 's e eòin gu math glic a th'annta ach ithidh iad tuinn 's trosgan cuideachd. Ged a tha iad boidheachd dhomhsa tha coltas cearbach orra aon uair 's gum bi iad as an adhair agus 's e fuaim uabhasach a th' aca cuideachd ma bhios iad air iteig. A bheil iad nas glice na eun sam bith eile san fharsaingneachd ge-tà? Chan eil càil a fhios agam. Beachd aig duine sam bith eile?

Re: Corra ghritheach ris an canar Artair

Posted: Wed Sep 21, 2011 9:50 pm
by Gràisg
Nuair a thig e gu iasgach faodaidh tu a bhith cinnteach às 's e eòin gu math glic a th'annta ach ithidh iad tuinn 's trosgan cuideachd. Ged a tha iad boidheachd dhomhsa tha coltas cearbach orra aon uair 's gum bi iad as an adhair agus 's e fuaim uabhasach a th' aca cuideachd. A bheil iad nas glice na eun sam bith eile san fharsaingneachd ge-tà? Chan eil càil a fhios agam. Beachd aig duine sam bith eile?

Re: Corra ghritheach ris an canar Artair

Posted: Thu Sep 22, 2011 8:22 am
by poor_mouse
Chan eil mi a' tuigsinn: "ithidh iad tuinn" -- dè tha sin a' ciallachadh?

Re: Corra ghritheach ris an canar Artair

Posted: Thu Sep 22, 2011 11:44 am
by GunChleoc
Dwelly:
tuinn
gen sing & npl of tonn. †2(AF) Duckling.

Re: Corra ghritheach ris an canar Artair

Posted: Thu Sep 22, 2011 1:12 pm
by Gràisg
Seadh tuinn agus feumaidh na Gobhan-Dubha a bhith faiceallach cuideachd :-)

http://thenairnbirder.blogspot.com/2011 ... river.html

Re: Corra ghritheach ris an canar Artair

Posted: Thu Sep 22, 2011 7:19 pm
by poor_mouse
Obh-obh, tha iad cunnartach gu dearbh!
Feumaidh an t-eun sin luchag ithe ma bhios luchag sam bith a' coiseachd faisg air làimh :)

Mòran taing, a GhunChleoc, cha robh fhios agam mu dheidhinn duckling...

Re: Corra ghritheach ris an canar Artair

Posted: Fri Sep 23, 2011 10:30 am
by GunChleoc
Cha robh no agamsa :lol: