Page 1 of 1

Faclan Gràmair san naoidheamh linn deug

Posted: Thu Oct 06, 2011 2:20 pm
by An Gobaire
Seo cuid de dh'fhaclan a bhathar a' cleachdadh san 19mh linn airson:

sentence - ciallairt *ciall+labhairt

phrase - seòllairt *seòl-labhairt (fhuair mi iad ann an "Gràmar Dùbailte Beurla-Gàidhlig" le Iain Foirbeis, Maighstir-sgoile Chille Chuimein. 1843.

Saoil, a bheil beachd aig duine carson nach deach an cumail ann an cleachdadh le sgoilearan gràmair na Gàidhlig? Faclan dèanta le daoine a bha eòlach air Laideann, às a bheil am facal "seantans (sententia)" a' tighinn.

Sentence - a number of words making complete sense.
Ciallairt - àireamh fhacal ag aithris cèille (ciall, brìgh agus labhair, aithris)
Agus, phrase (phrazo - to speak) - a mode of speech - seòl-labhairt - mar sin, seòllairt.

Re: Faclan Gràmair san naoidheamh linn deug

Posted: Sun Oct 16, 2011 10:27 pm
by faoileag
Chuala mi 'ciallart' no 'ciallairt' air 'sentence' ann an Ceap Breatainn cuideachd. Agus 'rosgrann' cuideachd.