Page 1 of 1

Làrach-lìn ùr a' BhBC

Posted: Mon Feb 04, 2008 12:43 pm
by ruighean
Bha Teàrlach Quinneil ag innse dhuinn air Abair Thusa gu bheil esan agus a' BhBC air a bhith ag obair air làrach naidheachdan ùr a chaidh fhoillseachadh gu h-oifigeil an-diugh.

Seo ceangal dhuibh:-

http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naidheachdan/

Tha RSS Feed ann a-nis cuideachd:-

http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naidheachdan/index.xml

Posted: Mon Feb 04, 2008 4:20 pm
by GunChleoc
Tapadh leat airson innse dhuinn!

Tha naidheachd ann mun sianal didseatach ùr: http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naid ... ital.shtml

Posted: Mon Feb 04, 2008 5:02 pm
by ruighean
GunChleoc wrote:Tapadh leat airson innse dhuinn!

Tha naidheachd ann mun sianal didseatach ùr: http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naid ... ital.shtml
'S e do bheatha. Thuirt Teàrlach gum b'urrainn dhomh ceangal a chur a-steach gu Tìr nam Blòg 's mar sin tha sinn an dùil gum bi an RSS Feed a' nochdadh air Tìr nam Blòg a dh'aithghearr.

Posted: Mon Feb 04, 2008 8:02 pm
by Gràisg
Deagh naidheachd dha-rìreabh :)

Fheuch mi ri teachdaireachd a chur ann ge-tà agus cha d'fhuair mi ach teachdaireachd 'mearachd' msaa :(

Posted: Mon Feb 04, 2008 10:16 pm
by *Alasdair*
Tha sin glè mhath agus feumail!

Glad to see the Beeb doing something. lets hope they make it like the Welsh language site.

Posted: Mon Feb 04, 2008 10:57 pm
by Coinneach Cìr
Tha mi glè thoilichte gu bheil seo againn. :D

I'm really pleased that we have this.

Posted: Tue Feb 05, 2008 10:10 am
by ruighean
Tha na cinn-naidheachd a-nis a' nochdadh air Tìr nam Blòg

Posted: Wed Feb 06, 2008 1:07 am
by cadalach
ruighean wrote:Tha na cinn-naidheachd a-nis a' nochdadh air Tìr nam Blòg
Seadh, cho fad 's tha mi eòlach, tha an RSS ag obrachadh mar bu chòir a-nis. :D

Posted: Wed Feb 06, 2008 9:16 am
by GunChleoc
Tapadh leat, a Chadalaich! :flur: