There's a new thesaurus available for free. Also, The Gaelic Books Council is now selling the new version of Dwelly's.
If you would like a copy of the thesaurus, write to the e-mail address below. You will need to pay for shipping only.
A chairdean,
_Fiosrachadh mu dà leabhar ùr_
Tha Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd `s nan Eilean agus Ionnsachadh agus Teagasg Alba air Co-fhaclair Gàidhlig fhoillseachadh mar phàirt de cho-obrachadh nàiseanta airson Gàidhlig a bhrosnachadh. Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ sgaoileadh an co-fhaclair seo air fileantaich agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Tha an co-fhaclair saor `s an-asgaidh, ach feumar pàigheadh cosgaisean-postachd far a bheil sin iomchaidh. Chì sibh na cosgaisean-postachd mar a tha iad a’ freagairt air diofar dhùthchann gu h-ìosal.
An Rìoghachd Aonaichte - £3
An Roinn-Eòrpa - £7
An còrr den t-saoghal - £12.
Ma tha ùidh agaibh anns an leabhar seo, cuiribh post-d thugam.
Cuideachd, tha Akerbeltz air tionndadh ùr den /Fhaclair Gàidhlig agus Beurla le Dealbhan/ le Dwelly fhoillseachadh, a tha fhathast na stòras iongantach de dh’fhaclan aig a bheil àite sònraichte ann an saoghal na Gàidhlig. Tha am faclair ri fhaighinn bho Chomhairle nan Leabhraichean aig prìs £55.
Le deagh dhùrachdan,
Shelagh
Shelagh Chaimbeul
Oifigear Reic is Margaideachd
*Comhairle nan Leabhraichean *
32 Sraid Achadh a' Mhansa
Glaschu G11 5QP
+44 (0)141 337 6211
shelagh@gaelicbooks.net
http://www.gaelicbooks.org