Page 1 of 1
'S urrainn dhomh 'na' chleachdadh mar seo
Posted: Wed Oct 19, 2011 2:57 pm
by suallas
Sgriobh mi seo:
It's a story about Gaelic: its life, its language and its culture
'S e stòiridh a th’ ann mu Gàidhlig: a beatha, a cànan is a cultar.
'S urrainn dhomh 'na' chleachdadh mar seo:
It's a story about Gaelic: of its life, of its language and of its culture.
'S e stòiridh a th’ ann mu Gàidhlig: na beatha, na cànaine is na cultaire.
An e sin ceart no cèarr?
Re: 'S urrainn dhomh 'na' chleachdadh mar seo
Posted: Wed Oct 19, 2011 5:38 pm
by GunChleoc
Fàilte ort!
'S e stòiridh mun Ghàidhlig a th’ ann: a beatha, a cànan is a cultar. Gàidhlig is often used with the article.
In your second sentence,
na is
ann + a (in her), so it doesn't work with the meaning you intend.
Tha mi an dòchas gu bheil seo feumail dhut.
Re: 'S urrainn dhomh 'na' chleachdadh mar seo
Posted: Thu Oct 20, 2011 9:04 am
by Gràisg
Hi Shuallais, tha eagal orm ro chomhairle a thoirt do dhaoine ann an seo. Ged a tha mi air a bhith ag ionnsachadh Gaidhlig o chionn fhada tha mi fhathast comasach mearachdan a dhèanamh agus a bharrachd air sin saoilidh mi gu bheil mo chuid comasan a thaobh sgrìobhaidh agus gramair a' dol as an uinneig aon uair 's gurn robh mi taobh a-muigh saoghal foghluim. Co-dhiù, chanainnsa
'S ann mu Gàidhlig a tha an sgeulachd/stòiridh seo Carson? Chan eil mi buileach cinnteach, 's dòcha gun do leugh mi no chuala mi a leithid ann an àite air choireigin.
gun airgead air ais, gun bharantas, gun income tax no VAT

Chum ort le do chuid Ghàidhlig a charaid

Re: 'S urrainn dhomh 'na' chleachdadh mar seo
Posted: Thu Oct 20, 2011 10:38 am
by GunChleoc
Yep, that is also possible! It all depends on context and where you want to put the emphasis
One thing though: mu is one of those prepositions that lenites -> mu Ghàidhlig. I would still say mun Ghàidhlig though.
Agus tha thu fileanta gu leòr, a charaid, coma leat mearachd no dhà - nì mi fhìn gu leòr dhiubh

Re: 'S urrainn dhomh 'na' chleachdadh mar seo
Posted: Fri Oct 21, 2011 7:28 am
by suallas
Mòran taing a h-uile duine (Graisg is GunChleoc). Tha mi daonnan a' dèanamh mearachdan ghràmar!
Re: 'S urrainn dhomh 'na' chleachdadh mar seo
Posted: Fri Oct 21, 2011 9:39 am
by GunChleoc
Mar a tha sinn uile
mearachdan gràmair - singular is better