Page 1 of 1
Abairt an Latha
Posted: Tue Feb 05, 2008 9:52 am
by ruighean
Aig SMO, bidh sinn a' faighinn post-d a h-uile latha le abairt bho Màiri Sìne Chaimbeul.
Sgrìobhaidh mi na h-abairtean an-seo gach latha.
Diluain 04/02/2008
Cha d'fhuair mi abairt an-diugh.
Dimàirt 05/02/2008
Thachair sruth ri steall.
Dè tha seo a’ ciallachadh?
Diciadain 06/02/2008
Tachraidh fhiadh fhèin ris latha-eigin.
Cò mu dheidhinn a chanadh tu sin?.
Diardaoin 07/02/2008
Tha mi gu bàsachadh leis an acras: dh’ithinn bò eadar dà bhan a’ Cho-op!
Dihaoine 08/02/2008
Thoir an aire!
Feuch an smaoinich thu air suidheachadh anns an canadh tu sin ri cuideigin.
Posted: Thu Feb 07, 2008 3:27 pm
by Tearlach61
"Cha d'fhuair mi abairt an-diugh."
Tha sin a' ciallachadh nach d'fhuair abairt an latha sin.
"Thachair sruth ri steall."
Chan eil mi cinnteach dè tha steall a'ciallachadh ach chanainn ge b'e a th`ann, tha e gu math eu-choltach ri sruth. Mar sin, chanainn gu bheil sinn a'ciallachadh gun tachair dà rud ri chèile a cha eu-coltach ri chèile.
Feumaidh mi dhol a dh'obair an-dràsda air neo bheirinn beachd air an fheadhainn eile. Inntinneach. 'S toigh leam sean-fhaclan.
Chuck
Posted: Mon Feb 11, 2008 1:27 pm
by ruighean
Diluain 11/02/2008
’S e a’ chearrag a th’ aige.
Dè tha seo ag innse mu dheidhinn?
Dimàirt 12/02/2008
Isean deireadh linne, cinnidh e no thèid e dholaidh.
Eil seo fìor mu dheidhinn duine agaibhse?
Diciadain 13/02/2008
A bheil thu ann am fonn math an-diugh?
Eil thu dòigheil, tùrsach, coma co-dhiù?
Diardaoin 14/02/2008
Chan e rud a chluinntinn fhaicinn.
Dè bhios sin a’ ciallachadh?
Dihaoine 15/02/2008
Ri reic: Ablach de chàr - £300
An ceannaicheadh tusa e?
Posted: Sun Feb 17, 2008 8:07 am
by GunChleoc
ruighean wrote:Diardaoin 14/02/2008
Chan e rud a chluinntinn fhaicinn.
Dè bhios sin a’ ciallachadh?
Chan eil mi cinnteach...

's dòcha.
Posted: Mon Feb 18, 2008 9:55 am
by ruighean
Bidh a' dol gu Dùn Èideann feasgar Diciadain 's mar sin cha bhi Abairt agam Diardaoin agus Dihaoine.
Diluain 18/02/2008
“An coisiche cha ghabhainn e, ’s am marcaiche cha tàinig e air mo thòir,”
mar a thuirt a’ chailleach à Barraigh.
An dùil dè bha i a’ ciallachadh?
Dimàirt 19/02/2008
Bha e a-riamh na fhasan aige a bhith a’ faighneachd air fhios.
Dè tha seo a’ ciallachadh?
Diciadain 20/02/2008
Na bi dol ga innse dhomhsa!
Cuin a chanadh tu sin?
Posted: Mon Feb 25, 2008 9:42 am
by ruighean
Diluain 25/02/2008
. . . . .a-steach le Dòmhnall air mo shàil.
Dimàirt 26/02/2008
Cha tig dìochuimhn’ agad air.
Diciadain 27/02/2008
Bha de bhiadh air a’ bhòrd na mharbhadh an t-each.
Diardaoin 28/02/2008
Is sgiamhach an t-isean an cosnaiche.
Dihaoine 29/02/2008
Cha d'fhuair mi abairt an-diugh.
Posted: Mon Mar 03, 2008 10:09 am
by ruighean
Diluain 03/03/2008
B’ fheàrr a’ chreach a thighinn dhan tìr, na madainn mhìn san Fhaoilleach fhuar.
’S dòcha gu bheil sinn beagan fadalach le seo.
Dimàirt 04/03/2008
An dubh-isean ag iarraidh an dubh-gheòidh.
Diciadain 05/03/2008
An rud a dh’fhalbhas, chan e dh’fhòghnas.
Cò mu dheidhinn a chanadh duine sin?
Posted: Wed Mar 05, 2008 2:11 pm
by ruighean
Bidh mi a' dol gu Inbhir Pheofharain a-maireach agus gu Leòdhas Dimàirt agus mar sin cha bhi abairt ùr gu Diardaoin an ath-sheachdain.
Posted: Wed Mar 05, 2008 6:08 pm
by GunChleoc
Gabh tleachd!

Posted: Wed Mar 05, 2008 9:51 pm
by neoni
cuiridh mi fhìn suas iad ma tha thu ag iarraidh, a ruighein
Posted: Thu Mar 06, 2008 10:45 pm
by Coinneach Cìr
ruighean wrote:’S e a’ chearrag a th’ aige.
Dè tha seo ag innse mu dheidhinn?
Gun àbhaist dhaibh a bhi cleachdadh an làmh cheàrr / chlì.
ruighean: Tha mi 'n dòchas gun còrd Inbhir Pheofharain agus Leòdhas riut 
Posted: Thu Mar 06, 2008 11:33 pm
by faoileag
Dimàirt 05/02/2008
Quote:
Thachair sruth ri steall.
Tha mi a' smaoineachadh gum bi thu ga ràdh nuair choinnicheas dà dhuine agus bidh iad na dithis a' bruidhinn gun sgur.
Ach chan eil mi buileach cinnteach.
Posted: Mon Apr 07, 2008 1:21 pm
by ruighean
Tha mi air ais aig SMO an dèidh Làithean Saora na Caisge agus seo a' chiad abairt
<b>Diluain 7mh An Giblean</b>
Bidh rud ann nach robh anns an altachadh!
Dimàirt 8 den Ghiblean
“Geal cha bhi,” ars an fheannag nuair a dh’fhàs i sgìth a’ nighe a casan.
Diciadain 9mh den Ghiblean
Chan e seo baile mhaireas.
Diardaoin 10mh den Ghiblean
Cha d'fhuair mi abairt an-diugh.
Dihaoine 11mh den Ghiblean
Cha d'fhuair mi abairt an-diugh.