Page 1 of 1
Object-Verb inversion/cas mu seach
Posted: Mon Nov 14, 2011 9:36 am
by GunChleoc
As a starting point, the noun goes before when you have expressions of wanting or needing like:
- Feumaidh mi Gàidhlig a bhruidhinn
- Tha mi ag iarraidh Gàidhlig a bhruidhinn
- Is toil leam Gàidhlig a bhruidhinn
After anything with is + adjective + pronoun:
- Is urrainn dhomh Gàidhlig a bhruidhinn
- Is toil leam Gàidhlig a bhruidhinn
- Nach toil leis an duine seo Gàidhlig a bhruidhinn!
Note that the preposition here is
a + lenition, not
ag!
When you have no object, the preposition a is dropped along with its lenition:
- Feumaidh mi bruidhinn
- Tha mi ag iarraidh bruidhinn
- Is toil leam bruidhinn
- Is urrainn dhomh bruidhinn
- Nach toil leis an duine seo bruidhinn!
The inverted noun is in the common (nominative-accusative) case
Re: Object-Verb inversion/cas mu seach
Posted: Mon Nov 14, 2011 3:25 pm
by An Gobaire
Tha seo uile ceart ach saoilidh mi gu bheil...
"Is toil leam" nas fheàrr air a sgrìobhadh "Is toigh leam"
Mar sin gheibhear, "An toigh leat briosgaidean milis?" Freagairt: "Is toil/Cha toil" (Is toi'l/cha toi'l)
Re: Object-Verb inversion/cas mu seach
Posted: Mon Nov 14, 2011 7:50 pm
by AlasdairBochd
Leugh mi an aon rud 'sna leabhraichean ghràmar a Ghobaire, toil (ainmear) = inclination neo desire agus toigh = agreeable (buaghair) ach a bheil diofar eatorra ann an labhairt?
Saoilidh mi gum bi buaidh air an litir i leis gu bheil gh ri taobh.
Re: Object-Verb inversion/cas mu seach
Posted: Tue Nov 15, 2011 1:55 pm
by Níall Beag
An Gobaire wrote:Tha seo uile ceart ach saoilidh mi gu bheil...
"Is toil leam" nas fheàrr air a sgrìobhadh "Is toigh leam"
Mar sin gheibhear, "An toigh leat briosgaidean milis?" Freagairt: "Is toil/Cha toil" (Is toi'l/cha toi'l)
Bidh cànain tuilleadh ag atharrachadh. No am b' fhearr leat "aig aṫarraċaḋ"? No fiù 's "ag atarracad"?
Ged a bha àm ann nuair e "toigh" a bh' anns an fhacal, 's e "toil" a th' ann an-diugh ann an inntinn na luchd-labhairt. Chan eil an "l" in
'S toil pàirt den roimhear nas motha -- cha bhi an Gaidheal a' cleachdadh roimhearan ann an abairtean den cruth seo.
Re: Object-Verb inversion/cas mu seach
Posted: Tue Nov 15, 2011 2:52 pm
by An Gobaire
Ach, chan eil mi a' dol leat idir, a Nèill.
Tha làn fhios aig Gàidheil foghlaimte gur e toigh a th' ann seach "toil", agus nach eil ann an "toil" ann an abairtean den leithid ach amaladh "toigh is le". Ma tha thu airson leigeil ort gur e facal eile a th' ann, uill, do thoil fhèin.
Agus, a bharrachd air sin, tha mi deimhinn às nach e buileach an aon fhuaimneachadh a th' ann eadar "toigh" agus am facal "toil". 'S dòcha gum faodadh Akerbeltz còir dearbhadh a thoirt a thaobh sin ge-tà.
Re: Object-Verb inversion/cas mu seach
Posted: Wed Nov 16, 2011 8:36 pm
by Níall Beag
An Gobaire wrote:Tha làn fhios aig Gàidheil foghlaimte gur e toigh a th' ann seach "toil", agus nach eil ann an "toil" ann an abairtean den leithid ach amaladh "toigh is le". Ma tha thu airson leigeil ort gur e facal eile a th' ann, uill, do thoil fhèin.
Oh, I wasn't aware of that one.
So is it:
'S toi* leam seoclaid.
'S toigh 's leamsa. then?
The one thing that worries me is "Gàidheal foghlaimte". Educated English speakers come out with all sorts of archaic stuff, like "to whom" and "he and I". I'm in favour of being conservative when in doubt, but if a form only survives because of education, I consider it dead.
Re: Object-Verb inversion/cas mu seach
Posted: Wed Nov 16, 2011 9:19 pm
by An Gobaire
Bha mi an dùil gum faodar:
'S toigh leam teòclaid
a sgrìobhadh..
agus
's toil agus leamsa.....
(ah...

) deagh phuing. ..Ahem 'S toigh leamsa cuideachd.
