Page 1 of 1
holistic
Posted: Wed Nov 16, 2011 10:47 am
by Gràisg
A chàirdean, am faca duine sam bith facal Gàidhlig fregarrach don bheurla "holistic"?
Re: holistic
Posted: Wed Nov 16, 2011 11:42 pm
by Seonaidh
Chan fhaca. Ach chan eil mi cinnteach idir air na tha "holistic" a' ciallachadh.
Re: holistic
Posted: Thu Nov 17, 2011 1:02 am
by akerbeltz
Tha iomlánaíoch ann an Gaeilge, nì iomlanach a' chùis, chanainn, ma tha dearg-fheum agad air facal.
Re: holistic
Posted: Thu Nov 17, 2011 1:08 am
by Gràisg
Uill nam bheachdsa 'se sin an seòrsa leabhar a sgrìobh Raibeart MacThòmais le The Natural History of a Highland Parish ann an 1900.
http://www.archive.org/stream/naturalhi ... 2/mode/2up
Mhollainnsa cabideil 5 Ainmean-àite Aird Chloich. Ged a bha na phàirt den trioblaid (esan a' teagaisg a-mach na bha air fhagail den Ghàidhlig anns a' pharaiste Siorrachd Nairn seo) chaidh criomagan den Chultair Gaidhealachd a chlaradh san leabhar seo. 'S e sin criomagan air leth priseil ri taobh fiosrachadh eile, àireamhan cunntas sluaigh msaa. Bha Gàidhlig Aird Chloich a' dol as an rathad gu dearbh ach mhair dual-chainnt na sgire suas gu na 1950's nuair a rinn Fred MacAmhlaigh agallamh le cailleach bhon sgire aig an robh Gàidhlig bho thus.
Co-dhiù mar a thuirt mi saoilidh mi gun do chuir e dealbh "holilistic" air a' ghnothaich, seadh na bhroinn saoghal na Beurla.
Agus 's e esan a mharbh na cearcan aig cailleach ghaidhealach eile:
http://www.foramnagaidhlig.net/foram/vi ... f=3&t=2068
Agus ceangal eadar esan agus fear dheasaiche an Nairnshire Telegraph. Bha an dithis aca nam ball den Nairn Literary Institute ( chan fhaichear dad sam bith bho Comhairle nan Leabhraichean air an sgeilp aca).
Re: holistic
Posted: Sat Nov 19, 2011 1:03 pm
by GunChleoc
Thèid an ceangal agad gu planning applications air choireigin

Re: holistic
Posted: Sun Nov 20, 2011 7:57 pm
by Níall Beag
Seonaidh wrote:Chan fhaca. Ach chan eil mi cinnteach idir air na tha "holistic" a' ciallachadh.
Wikipedia wrote:Holism (from ὂλος holos, a Greek word meaning all, whole, entire, total) is the idea that all the properties of a given system (physical, biological, chemical, social, economic, mental, linguistic, etc.) cannot be determined or explained by its component parts alone. Instead, the system as a whole determines in an important way how the parts behave.
While the term may have been hijacked by herbalist quackery, the concept of holism is useful in all spheres.
Re: holistic
Posted: Sun Nov 20, 2011 10:07 pm
by Gràisg
tl GG - 's e sgeulachd eile a tha sin
