Page 1 of 1

An t-Samhain Shèimh

Posted: Sun Nov 20, 2011 7:33 pm
by Gràisg
Image
An t-Samhain Shèimh gurnnurn.com, air Flickr

Shìos aig na lotaichean Rathaid a' Mhuillinn, Inbhir Narann agus na peasraichean milis fhathast fo bhlath. Ciamar a tha cùisean far a bheil thusa, a bheil na ràithean ann am breislich?

Re: An t-Samhain Shèimh

Posted: Thu Nov 24, 2011 4:29 pm
by GunChleoc
Tha na craobhan rùisgte an seo. Bha cha mhòr dà sheachdain de shìde uabhasach math againn, blàth is grianach. Tha an t-sìde garbh air tighinn oirnn a-nis co-dhiù.

Re: An t-Samhain Shèimh

Posted: Sun Dec 04, 2011 6:19 am
by Neas Olc
Tha an ìre mhath a h-uile rud doirbh is grannda far a bheil mise. Chan eil side mar sin cho àbhaisteach an-seo 'sa tha e ann an Alba co dhiugh. :spors:

Re: An t-Samhain Shèimh

Posted: Sun Dec 04, 2011 12:36 pm
by GunChleoc
Halò is math d' fhaicinn! Is fada on uairsin, ciamar a tha thu?

Re: An t-Samhain Shèimh

Posted: Sun Dec 04, 2011 6:10 pm
by Neas Olc
Trang.

Chan eil mi air a bhith ann airson an adhbar sin.

Re: An t-Samhain Shèimh

Posted: Sun Dec 04, 2011 11:57 pm
by GunChleoc
Tha mi an dòchas gu bheil thu trang le rudan a chòrdas riut