Page 1 of 1

Hei

Posted: Mon Nov 21, 2011 11:06 am
by Kurtos
Helloha, 's mise Kurtos agus tha mi ag ionnsachadh Gaidhlig!! Tha e gle bha gu bheil aite ann far an urrrain do daoine gaidhlig a bhruidhinn, tha mi 'n dochas gum faigh mi an cothrom a bhith ri cleachdadh 's gum bi mi fileanta a dh'aithghearr :D

Re: Hei

Posted: Mon Nov 21, 2011 11:42 am
by faoileag
Halò Kurtos, agus fàilte! :D

Tha sinn toilichte gun do lorg thu sinn agus tha sinn an dòchas gum bi thu a' sgrìobhadh air a bhòrd gu math tric!

Tha Astràlianaich eile air an fhòram cuideachd, m.e. Alasdair Bochd!

Re: Hei

Posted: Mon Nov 21, 2011 12:35 pm
by Gràisg
Madainn mhath Kurtos, Fàilte gu Foram na Gàidhlig. Dè an uair a tha e a-nis ann an Astràlia? 's e 12.35 feasgar an seo.

Re: Hei

Posted: Mon Nov 21, 2011 7:37 pm
by GunChleoc
Fàilte chridheil ort is tha mi an dòchas gun cluinn sinn bhuat gu tric is gun còrd an t-àite seo riut! :smeid:

Re: Hei

Posted: Mon Nov 21, 2011 11:03 pm
by Kurtos
a Ghraisg, 's e 9.55 anns a' mhadainn an-drasta ach chan eil mi cinnteach de an uair a bha e nuair a thuirt thu sin. Tapadh leibh airson ur failtean (=

Re: Hei

Posted: Tue Nov 22, 2011 7:34 pm
by tj4234
Halo Kurtos, ciamar a tha sibh?

's e mise Seamus, agus tha mi a Obar Deathain (Aberdeen) ann an Alba

Dè tha a' ciallachadh air 'Kurtos', cha chuala mi e ro a-nis (could be wrong, I meant to say 'before now')

Re: Hei

Posted: Wed Nov 23, 2011 7:44 pm
by GunChleoc
cha chuala mi e roimhe will do :)

Re: Hei

Posted: Fri Nov 25, 2011 2:20 am
by Kurtos
Halo a Sheamuis, tha mi gu math agus ciamar a tha thu fhein? Tha mi duilich nach sgriobh mi fhathast ach bha mi a' deanamh rudan eile :D 'se Curtis an t-ainm a th' ormsa ach 's abhaist dhomh a bhith a cleachdadh Kurtos. Tha mi sia bliadhna a sgrudadh Classical Greek agus tha mi air m' ainm 'Greekify' (= 's mise 'Kúrtos', ach 'kurtós' a' ciallachadh 'buldged' no 'arched', mar seo ann Probability Theory 's e tomhas no descriptor (chan eil mi cinnteach de tha sin anns a' Ghaidhlig) a' chumaidh a' sgaoileaidh-probabilty a th' ann 'Kurtosis'.
That last part is supposed to say in probabilty theory Kurtosis is a measure or descriptor of the shape of a probability distribution, but I think in future I shall reserve mathamatical discussions for my first language XD

Re: Hei

Posted: Fri Nov 25, 2011 9:51 am
by GunChleoc
Tha matamataig toinnte gu leòr sa chiad chànan agad :lol:

Cha creid mi nach dèan tuairisgeulaiche cruth sgaoileadh dùmhlachd a chùis

Re: Hei

Posted: Sat Nov 26, 2011 12:09 am
by faoileag
GunChleoc wrote: tuairisgeulaiche cruth sgaoileadh dùmhlachd

:mc: :mc: :mc: :mc: :mc:


:moladh:

Re: Hei

Posted: Sat Nov 26, 2011 12:21 am
by GunChleoc
Le beagan taic on Fhaclair Bheag ;)

Re: Hei

Posted: Sat Nov 26, 2011 1:03 am
by Kurtos
och wow (= 's math sin, 's fior thoil leam am Faclair Beag a-nis! Lorg mi foincsean dumhlachd coltachd, tha sin miorbhaileach gu dearbh.
Tha matamataig toinnte ach tha e a' cordadh rium :D nach feum tu ginideach a chleachdadh ann tuairisgeulaiche cruth sgaoileadh dùmhlachd ?

Re: Hei

Posted: Sat Nov 26, 2011 9:38 am
by GunChleoc
Tha dùmhlachd san tuiseal ginideach, ged nach fhaic thu e

Re: Hei

Posted: Sun Nov 27, 2011 8:26 am
by Kurtos
ceart ma tha, tapadh leat :D