Ràinig trì leabhraichean sa phost an-diugh à Albainn Nuadh, agus tha mi air leth toilichte am faicinn!
Na Beanntaichean Gorma agus Sgeulachdan Eile à Ceap Breatainn, An t-Ogha Mòr (an dàrna ùr-sgeul Gàidhlig riamh a chaidh fhoillseachadh ann an 1913 agus 1919 agus Às an Abhainn Mhòir (Leabhar còcaireachd anns an dà chànan).
Tha an t-Ogha Mòr air a shuidheachadh mu bhliadhna Theàrlaich, agus tha e air innse le measgachadh den t-seann nòs agus an nòs ùr-sgeulach(a bha ùr aig an àm). Thug mi sùil aithghearr air an-dràsta, agus chan eil a' chainnt a' coimhead sean-fhasanta idir, agus a rèir an fhoillsichear, 's e Gàidhlig dheas-bhriathrach, bheairteach a chuireadh an gnìomh airson an sgeulachd innse. Air a' chiad shealladh, tha sin ceart agus tha an clò aig meud mhath 's tha cruth an teacsa furasta a leughadh.
'S e leabhar Beurla a th' anns Na Beanntaichean Gorma leis gu bheil a h-uile rud eile, ach a-mhàin na sgeulachdan, anns a' Bheurla. Ach a-rithist, leabhar snog ri choimhead agus na sgeulachdan air innse anns a' Ghàidhlig thùsail, air an làimh chlì agus an t-eadar-theangachadh air an làimh dheis! Mar sin, thathar a' toirt prìomhachas don Ghàidhlig bho thaobh nan sgeulachdan fhèin.
Leabhraichean à Canada
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
Leabhraichean à Canada
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
Re: Leabhraichean à Canada
Tha da dhiubh agam cuideachd, agus iomadh leabhar eile a Alba Nuadh. Bu choir dhuinn a bhith taingeil leis cho dileas is dicheallach a tha iad thall an sin leis an dualchas a tha againn uile.
(Duilich, chan eil stracan no numeric keypad agam an seo.)
(Duilich, chan eil stracan no numeric keypad agam an seo.)