Page 1 of 1

Sanasachd BBC Alba

Posted: Fri Dec 23, 2011 9:56 am
by Gràisg
Tha mi cleachdte ris na supplements sa Chourier Inbhir Nis a h-uile Dihaoine agus 's àbhaist dhaibh a dhol dhan stòbha sa bhad ach an-diugh thachair mi air rudeigin air leth tarraingeach. 'S e sin duilleagan làn fiosrachaidh BBC Alba agus abair thusa gur e rudeigin air leth tarraingeach a th' ann agus na ghoireas da-chananach a bharrachd air sin. Saoilidh mi gum bi sin a' cur piseach air àireamh luchd-amhairc an seanail. Aig am Nollaige bidh feadhainn a' fàs sgìth den sgudail àbhaisteach agus seo cothrom dhaibh rudeigin ùr feuchainn. Gheibhear fiosrachaidh learngaelic.net na luib cuideachd.

Image
IMG_6338 le Dealbhan gurnnurn.com,air Flickr

Image
IMG_6340 le Dealbhan gurnnurn.com, air Flickr

Image
IMG_6339 le Dealbhan gurnnurn.com, air Flickr

Re: Sanasachd BBC Alba

Posted: Fri Dec 23, 2011 9:51 pm
by Seonaidh
"Right - that's your Gaelic ration for the year - back on your heads!"

Tha mi 'n dòchas nach bi...