Page 1 of 1

Cluba leughaidh?

Posted: Sat Jan 07, 2012 9:45 pm
by Gràisg
A chàirdean,
am biodh uidh sam bith agaibh Cluba leughaidh a chur air dòigh? Saoilidh mi gum biodh e math airson a' bhallrachd ùr agus feadhainn eile cuideachd aig a bheil beagan comas leughaidh. Dh'fhaodadh sinn teacsa a mholadh gach seacdainn no cola-deug - can litir do luchd-ionnsachaidh no teacsa eile air choireigin a tha ri fhaighinn air loidhne.

Leis a sin dh'fhaodadh duine sam bith ceist a thogail san roinn gramair nan robh dad ann nach robh iad a' tuigsinn. A bharrachd air sin 's e cothrom a th'ann coinneamhan Skype a chur air dòigh gus cuisean co-cheagaintle leis a dheasbad.

Beachd aig duine sam bith?

Re: Cluba leughaidh?

Posted: Thu Jan 12, 2012 2:45 pm
by Gràisg
oh uill saoilidh mi nach eil uidh aig duine sam bith :D

Re: Cluba leughaidh?

Posted: Thu Jan 12, 2012 11:37 pm
by Thrissel
Fìrinn innse, 's toil leam am beachd-smuain sin glè mhath, ach chanainn gu bheil trafaig gu leòr an-seo an-dràsta. 'S dòcha gun cuimhnichidh tu e ma/nuair a dh'fhàsas an làrach-lìn nas ciùine? :priob:

Re: Cluba leughaidh?

Posted: Fri Jan 13, 2012 7:28 am
by Gràisg
Seadh, cha mhòr nach eil an t-àite seo air bhoil agus 's e rud math a tha sin :)

Re: Cluba leughaidh?

Posted: Mon Jan 16, 2012 7:54 pm
by GunChleoc
'S e deagh bheachd a th' ann na litrichean a chleachdadh. Mar sin, cha bhiodh trioblaid ann nach eil an aon leabhar aig a h-uile duine. Bhiodh e beagan ro dhoirbh don luchd-tòiseachaidh fhathast, is dòcha gun dèan sinn ann am beagan mìosan e?