A chàirdean,
am biodh uidh sam bith agaibh Cluba leughaidh a chur air dòigh? Saoilidh mi gum biodh e math airson a' bhallrachd ùr agus feadhainn eile cuideachd aig a bheil beagan comas leughaidh. Dh'fhaodadh sinn teacsa a mholadh gach seacdainn no cola-deug - can litir do luchd-ionnsachaidh no teacsa eile air choireigin a tha ri fhaighinn air loidhne.
Leis a sin dh'fhaodadh duine sam bith ceist a thogail san roinn gramair nan robh dad ann nach robh iad a' tuigsinn. A bharrachd air sin 's e cothrom a th'ann coinneamhan Skype a chur air dòigh gus cuisean co-cheagaintle leis a dheasbad.
Beachd aig duine sam bith?
Cluba leughaidh?
-
- Rianaire
- Posts: 1549
- Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
- Language Level: Caran robach sna laithean seo
- Location: Inbhir Narann
- Contact:
Re: Cluba leughaidh?
oh uill saoilidh mi nach eil uidh aig duine sam bith
-
- Posts: 647
- Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
- Language Level: eadar-mheadhanach
- Location: Glaschu
Re: Cluba leughaidh?
Fìrinn innse, 's toil leam am beachd-smuain sin glè mhath, ach chanainn gu bheil trafaig gu leòr an-seo an-dràsta. 'S dòcha gun cuimhnichidh tu e ma/nuair a dh'fhàsas an làrach-lìn nas ciùine?
-
- Rianaire
- Posts: 1549
- Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
- Language Level: Caran robach sna laithean seo
- Location: Inbhir Narann
- Contact:
Re: Cluba leughaidh?
Seadh, cha mhòr nach eil an t-àite seo air bhoil agus 's e rud math a tha sin
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Re: Cluba leughaidh?
'S e deagh bheachd a th' ann na litrichean a chleachdadh. Mar sin, cha bhiodh trioblaid ann nach eil an aon leabhar aig a h-uile duine. Bhiodh e beagan ro dhoirbh don luchd-tòiseachaidh fhathast, is dòcha gun dèan sinn ann am beagan mìosan e?
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam