Page 1 of 1

Dwelly ùr - Kindle

Posted: Tue Jan 17, 2012 11:21 am
by An Gobaire
Bu fìor thoil leam an Dwelly Ùr le Akerbeltz fhaighinn air KINDLE.

Mar a tha am fortan an dàn, tha an seann Dwelly agam an impis tuiteam às a chèile bho chionn beagan sheachdainean, agus fhuair mi Kindle airson na Nollaige. Ach, chan eil mòran leabhraichean Gàidhlig ann am Bùth Kindle fhathast.

Re: Dwelly ùr - Kindle

Posted: Thu Jan 19, 2012 12:03 am
by akerbeltz
Ghluais mi an cuspair ana-sheo, leis gur e cuspair leabhair a th' ann :)

Cha robh dad a dh'ùine agam beachdachadh air foillseachadh digiteach mar sin... bha dùil agam sùil a thoirt air uaireigin am bliadhna ach chan urra dhomh gealltainn gun tachair càil ann an cabhag, gu mì-fhortanach. Ach cumaidh mi fios ribh.