Page 1 of 1

"Feumaidh sinn tosgairean a lorg"

Posted: Fri Jan 20, 2012 10:39 pm
by Gràisg
Aig deireadh 2011 leugh mise Colbh Ruaraidh choir sa Chourier Inbhir Nis. Bha e air chuairt a dhèanamh do taigh-staile agus bha e a-mach air ciamar a dh’fhaodadh gnìomhachas uisge-bheatha taic a thoirt don Ghàidhlig. Thuirt e.

“Feumaidh sinn tosgairean a lorg airson na Gàidhlig anns gach ceàrn agus chanainn gum biodh deagh theans ann gum faigheamaid feadhainn ann an gnìomhachas an uisge-bheatha – a' dèanadh as leth na Gàidhlig tron obair aca. “


Chuir sin nam chuimhne 2007 agus mise anns a’ Bhreatainn Bheag. Thachair mi air bileag a bha air leth tarraingeach air a dhèanamh mar ‘promotion’ le companaidh uisge-bheatha den bhad ud. 'S e billeag ceithir duilleagan a bh' ann a' mìneachadh abairtean gràidh, an da chuid sa Bhreatnais agus Fraingis. Smaoinich mise, an tèid sin a dhèanamh ann an Alba? 'S e sin ri ràdh billeag a' brosnachadh Gàidhlig air a dhèanamh le taic airgid bhon roinn prìobhaideachd? Dh'fhaodadh e a bhith a-mach air gràdh no dad sam bith eile a bha iomchaidh. Dh'fhaodadh e a bhith air a dhèanamh le companaidh uisge-bheatha no companaidh sam bith eile a bha airson rudeigin diofraichte a dhèanamh mar iomairt sanasachd. Mar a bha Ruaraidh a' mìneachadh tha daimh sònraichte eadar uisge-bheatha agus a' Ghàidhlig agus 's docha gum biodh a leithid sanasachd air leth feumail do fhear de na companaidhean ud.

Uill sin smaoin a tha mi a' cur romhaibh a chàirdean, saoil am biodh an roinn phrìobhaideach deònach airgead a chur ri leasachaidh na Gàidhlig nan robh toradh agus cliù tighinn as dhaibh?

A-nis seall air a' bhilleag a rinn iad sa Breatainn Bheag.

Image le gurnnurn.com

Image
brezhonegb le gurnnurn.com

Re: "Feumaidh sinn tosgairean a lorg"

Posted: Sat Jan 21, 2012 10:40 am
by GunChleoc
Tha seo inntinneach is bhoidh e a' toirt aire nan daoine