“Feumaidh sinn tosgairean a lorg airson na Gàidhlig anns gach ceàrn agus chanainn gum biodh deagh theans ann gum faigheamaid feadhainn ann an gnìomhachas an uisge-bheatha – a' dèanadh as leth na Gàidhlig tron obair aca. “
Chuir sin nam chuimhne 2007 agus mise anns a’ Bhreatainn Bheag. Thachair mi air bileag a bha air leth tarraingeach air a dhèanamh mar ‘promotion’ le companaidh uisge-bheatha den bhad ud. 'S e billeag ceithir duilleagan a bh' ann a' mìneachadh abairtean gràidh, an da chuid sa Bhreatnais agus Fraingis. Smaoinich mise, an tèid sin a dhèanamh ann an Alba? 'S e sin ri ràdh billeag a' brosnachadh Gàidhlig air a dhèanamh le taic airgid bhon roinn prìobhaideachd? Dh'fhaodadh e a bhith a-mach air gràdh no dad sam bith eile a bha iomchaidh. Dh'fhaodadh e a bhith air a dhèanamh le companaidh uisge-bheatha no companaidh sam bith eile a bha airson rudeigin diofraichte a dhèanamh mar iomairt sanasachd. Mar a bha Ruaraidh a' mìneachadh tha daimh sònraichte eadar uisge-bheatha agus a' Ghàidhlig agus 's docha gum biodh a leithid sanasachd air leth feumail do fhear de na companaidhean ud.
Uill sin smaoin a tha mi a' cur romhaibh a chàirdean, saoil am biodh an roinn phrìobhaideach deònach airgead a chur ri leasachaidh na Gàidhlig nan robh toradh agus cliù tighinn as dhaibh?
A-nis seall air a' bhilleag a rinn iad sa Breatainn Bheag.


brezhonegb le gurnnurn.com