Page 1 of 1

Dè a' Ghàidhlig air Sandown?

Posted: Sun Jan 22, 2012 6:36 pm
by Gràisg
An uiridh bha beagan deasbad ann air dè an dòigh as fheàrr airson Gàidhlig a chur air Nairn Allotment Society - Mill Road site

Uill taing do FnG tha Comann Cuibhreannan Inbhir Narann - Làrach Rathad a' Mhuilinn ri fhaicinn air an soidhne. A-nis tha amas againn 38 lotaichean eile a chuir air bhog aig taobh an ear den bhaile. 'S ann air sgìre a tha a' dol ris a' chanar Sandown. Fhios 'm 's ann as cuideigin le deagh Bheurla a thàinig an t-ainm ud. Co-dhiù, tha amas aig a' chomhairle taighean fhaicinn air Sandown cuideachd, mar sin bidh feum san àm ri teachd air Gàidhlig a chur air Sandown Farm Lane msaa.

Mar sin saoilidh mi gum biodh Achadh na Gainmheach ceart gu leòr airson an soidhne an turas seo. Dè do bheachd a chàirdean, chan eil e fada air falbh bho sgìre sa bhaile a tha a' dol ris a' chanar Achareidh sa Bheurla. Co-dhiù seo soidhne ur ann an Inbhir Narann far a bheil Gàidhlig ga chur air bun-smuain bheurlach .
Image
Scheama taigheadas ùr ann an Inbhir Narann by gurnnurn.com pictures, on Flickr

Re: Dè a' Ghàidhlig air Sandown?

Posted: Sun Jan 22, 2012 9:20 pm
by akerbeltz
Hm chan fhaic mi dad mu Sandown ann an Gazetteer for Scotland, saoil an e ainm car ùr a tha seo a thàna nuas à Sasainn?

Re: Dè a' Ghàidhlig air Sandown?

Posted: Mon Jan 23, 2012 8:02 am
by Gràisg
'S e ainm a tha an dà chuid muinntir an aite agus na h-ùghdarrasan gan cleachadh.
Chanainn gur e ainm car ùr a th' ann. 'S dòcha gun tàinig e leis a' bhaile fearainn den ainm ud. Tha Sandown ri taobh "Tradespark", chaidh Tradespark air mhal leis an "Nairn Friendly Society of Trades" ann an 1766, àm nuair a bha Beurla faighinn làimh an uachdar sa bhaile nam bheachd-sa. 'S e sgeama taigheadas a th' ann an Tradespark a-nis.
An dràsta fhèin tha Sandown fo smachd an Common Good Fund agus abair thusa gur e cuspair connspaideach a th' ann. Chaidh 550 taighean le Deveron Homes a dhiùltadh as deidh rannsachadh poblach. A-nis tha Comhairle na Gàidhealtachd gu mòr ri co-chomhairleachadh agus saoilidh mi gu bheil iad ag amas 330 taighean a chur air an turas seo.

Nan robh ainm Gaidhealach, ciallach air an soidhne aig a' Chomainn againn chanainn-sa gum biodh na h-ùghdarrasan ga leantainn nuair a thàinig e dhan soidhnichean don sgeama ùr. Feumaidh a h-uile soidhne rathaid ùr a bhith da-chananach a-nis.
Image

Tha mise a-mach air a h-uile càil taobh a-muigh an loidhne buidhe. Bidh an Comann againn faighinn bad dheth san phàirt na nas bige air an taobh cli far a bheil grunn lotaichean eile mu thràth (gun soidhne gu ruige seo). air an 'S e talamh gu math ìosal agus gainmheach a th' ann.
Agus mise a' lorg bheachdan seo a chàirdean, am bu choir dhomh a bhith cho dàna ri ainm Gàidhealach a phutadh air an aite seo no leig leis an dualchas bheurlach mar a tha e an-dràsta? Tha cothrom ann 8-)

Achadh na Gainmheach? Blàr na Gainmheach? Blàr a' Cho-chomhairleachaidh? :)

Re: Dè a' Ghàidhlig air Sandown?

Posted: Mon Jan 23, 2012 11:06 am
by akerbeltz
A-rèir faclair ainmean-àite Shasainn, 's e Sandham ... sandy enclosure or river island freumh an ainm. On nach fhaic mi abhainn no bùrn le eilean ann, bhiodh enclosure nas fhearr na river island, chanainn. Buaile/Fàl/Geàrraidh na Gainmhich ma-tà?

Re: Dè a' Ghàidhlig air Sandown?

Posted: Mon Jan 23, 2012 4:20 pm
by Gràisg
Taing mhòr a chaird, chìthear "burn" faisg air làimh "The Altan Burn" :)mar a chanar muinntir an àite ris ach chan eil e ro mhòr idir agus ged a tha fuaran beag beag air an taobh eile chan e eilean a th'ann an Sandown idir.

Re: Dè a' Ghàidhlig air Sandown?

Posted: Mon Jan 23, 2012 7:10 pm
by Thrissel
Mu dheidhinn na ciad deilbh: "Cùirt na Beithich"? Nach bu chòir dhan allt iolra "nam" a bhith ann, agus nach ann beagan sean-fhasanta a tha an tùiseal ginideach "beithich"?

Re: Dè a' Ghàidhlig air Sandown?

Posted: Mon Jan 23, 2012 10:23 pm
by akerbeltz
Gheibh thu "an + ainmear" airson clas de rud uaireannan. Mar eisimpleir, tha an cù blasta dogs are tasty.

Re: Dè a' Ghàidhlig air Sandown?

Posted: Thu Jan 26, 2012 4:05 pm
by Níall Beag
A-rèir cùrsa Ainm-eòlas SMO, tha "innis" a' ciallachadh tuathanas aig amannan. Chan eil mi cinnteach gu bheil e cho simplidh sin, ge-tà... Chuala mi gu bheil àiteachan ann an Sasainn far am bi "eilean" a' ciallachadh "talamh tioram ann an àite bog fliuch". Tha rudan coltach ri seo a' nochdadh ann an ainmean àite sa sgìre agam fhìn.

Tha "Falleninch" (inch bho "innis") na tuathanas air iomall seann mointich "the Carse of Stirling". Tha cuideachd "Cambusbarron" nach eil "Camus" air abhainn no loch, ach a-rithist an seann mhoinntich.

Ach cò-dhiubh, san darna dòigh no an dòigh eile, cha bhiodh "innis" gu tur ceàrr, nam bheachdsa....