Page 1 of 1

Ainmean tuathan ghaoithe

Posted: Mon Jan 23, 2012 7:16 pm
by Thrissel
Aiste gu h-annasach fada airson a' BhBC:

Scottish wind farms 'return to original place names'

'S toil leam an t-eadar-theangachadh de dh'Allt Duine mar "Man Burn"...

Re: Ainmean tuathan ghaoithe

Posted: Wed Jan 25, 2012 12:21 pm
by GunChleoc
Seadh, chan eil seo ceart. Ach cò às a thàinig e, bho "donn"?

Re: Ainmean tuathan ghaoithe

Posted: Wed Jan 25, 2012 3:04 pm
by akerbeltz
Agus seo
Lochluichart
Gàidhig, 'n e?

Chan fhaic mise dad cearr air Allt Duine ge-tà, mur e mearachd litreachaidh th' ann.

Re: Ainmean tuathan ghaoithe

Posted: Thu Jan 26, 2012 2:17 pm
by GunChleoc
Dè tha Duine a' ciallachadh san ainm seo co-dhiù?

Re: Ainmean tuathan ghaoithe

Posted: Thu Jan 26, 2012 5:10 pm
by akerbeltz
duine ≠ donn/duinne?

mur e mearachd litreachaidh a th' ann. Tha ainmean ann mar "rudeigin nam Ban" no "rudeigin a' Chaillich" - saoil an e husbands lib a tha air cùlaibh seo? :)

Re: Ainmean tuathan ghaoithe

Posted: Thu Jan 26, 2012 9:25 pm
by Thrissel
Chan fhaca mi dad neònach air "Allt Duine", ach bha "Man Burn" a' coimhead dhomhsa nas coltaiche ri "duine a tha na allt" na "allt de dhuine". Rudeigin mar Treebeard bho Laird o the Rings.

Re: Ainmean tuathan ghaoithe

Posted: Sun Jan 29, 2012 9:06 pm
by Seonaidh
"Man Burn" - 's e "Bùrn" (sin "uisge", no 's dòcha "uisge a dh'fhaodar òl") bhon Ghàidhlig agus "man" bho chànan nan Cruithneach - sa Chuimris "àite". Mar sin "àite far am faodar an t-uisge òl".

(Ma chreideas sibh sin, creididh sibh càil sam bith!)