Mus faighnich sibh, tha an t-sìde grod ann an Glaschu, cha toigh leam coiseachd ann am bòtannan
Seo dhuibh a-nise Skype ann an Gàidhlig. Chan eil Skype deònach cànain bheaga fhilleadh a-steach sa phrògram fhèin ach tha e furasta gu leòr. Briogaibh an-seo 's sàbhailibh am faidhle Gaidhlig-gd.lang am badeigin air a' choimpiutair agaibh. Chan leig e leas a bhith sa phàsgan Skype, àite sam bith ach am biona.
Ann an Skype, rachaibh an uairsin gu Tools » Change language » Load Skype Language File agus sin agaibh e. Tha e furasta tilleadh dhan Bheurla agus air ais dhan Ghàidhlig air an aon dòigh.
Faodaidh gum faigh sibh Disk I/O Error ma dhùineas sibh Skype 's ma dh'fhosglas sibh e a-rithist san aon seisean. Chan e rud cunnartach a tha seo, leanaibh ris na tha Skype ag innse dhuibh 's dùinibh am prògram ann an treidhe an t-siostaim, cuiribh gu dol e a-rithist (bidh feum air an fhacal-fhaire) agus bidh gach rud glan sgiobalta an uairsin. Seo bug am broinn Skype 's chan urra dhomh dad a dhèanamh ma dhèidhinn gu mì-fhortanach.
An dòchas gun còrd e ruibh!
PS Tha fhios a'm gu bheil cuid a rudan ann am Beurla fhathast, mar liosta nan dùthchannan 's an sgrìn login, chan eil leasachadh air a sin, tha mi duilich.
PPS Chan obraich seo air MacOS, duilich. Chan eil dòigh ann, chan eil MacOS a' cur taic ri cànain idir ach an dusan as motha san t-saoghal. Ach tha mi car aineolach mun t-siostam, ma tha cuideigin glic gu leòr .lang faidhle a stàladh air Mac, nach innis sibh dhuinn?
PPPS Cha chreid mi gun gabh a dhèanamh air Ubuntu a bharrachd ach tha mi air ceist a chur ann an grunn àitichean. Cumaidh mi fios ribh.
Skype sa Ghàidhlig
-
- Rianaire
- Posts: 1781
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Skype sa Ghàidhlig
Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice, Skype is mòran a bharrachd ★

Re: Skype sa Ghàidhlig
A thaobh Linux/Ubuntu... lorg mi far a bheil na faidhlichean cànain (airson an dusan mòr a tha Skype a' cur taic riutha). Tha paidhir ann airson gach cànan, m.e. skype_de.qm agus skype_de.ts son na Gearmailtis. Ach chan eil mise math gu leòr air Linux, cha dèid fiù agam an .ts fhosgladh... ma tha ùidh aig cuideigin ann le sgilean còdachaidh 's ma thèid agaibh a chur air gleus gun gabh e ri Gàidhlig, bhitheamaid fadar 'nur comain nan innseadh sibh dhuinn an-seo.
Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice, Skype is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice, Skype is mòran a bharrachd ★
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Re: Skype sa Ghàidhlig
Rinn mi beagan rannsachaidh, tha e coltach gu bheil feum agad air prògram air a bheil QT Linguist. Tha e ri fhaighinn airson Windows
http://www.softpedia.com/get/Others/Hom ... uist.shtml
http://www.softpedia.com/get/Others/Hom ... uist.shtml
http://musescore.org/en/node/3114In case you have been editing the ts file with QT linguist, you can make a qm file via the menu: File -> Release as. Eventually, copy that qm file on your windows & linux file system.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam
Re: Skype sa Ghàidhlig
Tha seo sgoinneil - rinn mi e gun trioblaid sam bith! Mòran taing!
-
- Rianaire
- Posts: 1781
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Re: Skype sa Ghàidhlig
'S e do bheatha
Agus mòran taing, GunChleoc, tha sin feumail! Cha bhi tìde agam a-màireach, tha mi coinneachadh ri informant aig a bheil Beurla Reagaird ach bheir mi sùil air cho luath 's a ghabhas.
Agus mòran taing, GunChleoc, tha sin feumail! Cha bhi tìde agam a-màireach, tha mi coinneachadh ri informant aig a bheil Beurla Reagaird ach bheir mi sùil air cho luath 's a ghabhas.
Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice, Skype is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice, Skype is mòran a bharrachd ★
-
- Rianaire
- Posts: 1781
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Re: Skype sa Ghàidhlig
Tha tionndadh ùr de Skype agus dhen fhaidhle chànain ri fhaighinn. Gheibh sibh Skype o làrach Skype agus am faidhle cànain gu h-àrd. Leanaibh ris na dearbh cheuman gus a chur an sàs agus tha mi duilich, chan eil fuasgladh ann fhathast airson Linux/MacOSX.