PC-achas ann an saoghal na Gàidhlig
-
- Posts: 647
- Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
- Language Level: eadar-mheadhanach
- Location: Glaschu
Re: PC-achas ann an saoghal na Gàidhlig
Uill ma tha an t-ionad-seallaidh agad nach eil ach dusan no 's dòcha fichead cànan Eòrpach ann, chan chuir mi nad aghaidh, ged a bhios mi an còmhnaidh a' dol nuair a chluinneas mi rudan mar "cha do choinnich mi duine sam bith a" no "tha iad uile ag aithneachadh" innse mu dheidhinn nàiseanan gu lèir. Nam bheachd-sa chan eil crìoch gheur ann eadar cànan is dualchainnt, 's ann gu h-ìre pearsanta an roghainn far a tharraingeas duine an loidhne. 'S àbhaist dhomsa a bhith a' coimhead air an t-Suainis no air a' Phòlannais mar dhearbh chànanan seach mar dhualchainntean na Lochlannais is an t-Slàbhais, ach tha mi ag aideachadh gur ann traidiseanta, "arbitrary" a tha an roinn.
-
- Posts: 27
- Joined: Fri Jan 11, 2013 9:45 am
- Language Level: Fileanta
- Location: A' cur taic ris a' bhàr...
Re: PC-achas ann an saoghal na Gàidhlig
Sin a tha mi ag radh - tha a mhòr-mhòr cuid de Ghoill ann an Alba ag radh is dhen bheachd gur e Beurla a th'iad a' bruidhinn, chan i cànan eadar-dhealaichte. Tuigidh mi dè tha thu ag radh ge-tà, is g'eil e dìreach a-rèir beachdan pearsanta. Ach dhòmhsa dheth, taigh na galla le Beurla nan Gall
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Re: PC-achas ann an saoghal na Gàidhlig
Uill, chan e an aon rud a tha sa Bheurla Gallda is sa Bheurla Albannach. Is dual-chainnt no cànan gu math eadar-dhealaichte a tha san dàrna tè is Beurla gu math faisg air Beurla Shasainn le blasad Albannach a tha san tè eile (is blasad eadar-dhealaichte a rèir cò às an duine a bhruidhneas i). Co-dhiù no co-dheth, gheibh thu measgachadh eadar an dà rud is mar sin chan eil cùisean furasta sgaradh. Tuigidh mi Beurla Albannach cha mhòr gun duilgheadas sam bith, ach cha tuig mi ach an dàrna leth dhe Rab C Nesbitt!
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam
-
- Posts: 647
- Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
- Language Level: eadar-mheadhanach
- Location: Glaschu
Re: PC-achas ann an saoghal na Gàidhlig
Meal do naidheachd! Chunnaic mi sgeidse Rab C Nesbitt uaireigin, mhair e 's dòcha dà mhionaid, agus cha do thuig mi facal sam bith ach "mate"!
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Re: PC-achas ann an saoghal na Gàidhlig
Na gabh dragh, tha fo-thiotalan ann
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam
-
- Posts: 647
- Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
- Language Level: eadar-mheadhanach
- Location: Glaschu
Re: PC-achas ann an saoghal na Gàidhlig
Mòran taing!
Agus chì mi gun do leasaich mi gu mòr bhon àm mu dheireadh - tha mi ga thuigsinn a-nis... 's dòcha aon fhacal san fhichead... uill, deichead no dhà eile agus bidh mi ann...
Agus chì mi gun do leasaich mi gu mòr bhon àm mu dheireadh - tha mi ga thuigsinn a-nis... 's dòcha aon fhacal san fhichead... uill, deichead no dhà eile agus bidh mi ann...
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Re: PC-achas ann an saoghal na Gàidhlig
'S e an cleachdadh a nì bòidheach
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam
-
- Rianaire
- Posts: 1432
- Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
- Language Level: Fluent (non-native)
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Sruighlea, Alba
- Contact:
Re: PC-achas ann an saoghal na Gàidhlig
Yes, you're right. Gaelic needs to be redefined as a dialect of English because the vast majority of Scottish people say they speak English.Cùl a’ Bhìogais wrote:Sin a tha mi ag radh - tha a mhòr-mhòr cuid de Ghoill ann an Alba ag radh is dhen bheachd gur e Beurla a th'iad a' bruidhinn,
Do you see my point? Perhaps the vast majority identify themselves with English because they speak English, but that doesn't mean that the minority of the people who speak some form of Scots don't actually... you know... speak Scots, right?
-
- Rianaire
- Posts: 1432
- Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
- Language Level: Fluent (non-native)
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Sruighlea, Alba
- Contact:
Re: PC-achas ann an saoghal na Gàidhlig
Consider also this line:
"Well seen ye stay yersel"
Practically everything about it is fundamentally different from the English equivalent.
"Well seen ye stay yersel"
Practically everything about it is fundamentally different from the English equivalent.
-
- Posts: 647
- Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
- Language Level: eadar-mheadhanach
- Location: Glaschu
Re: PC-achas ann an saoghal na Gàidhlig
Rinn mi luaidh mu thràth nach creid mi gum biodh ceist sa Ghàidhlig san reifreann feumail, ach ann an aontachadh le Achd Saorsa Fiosrachaidh, tha mi a' cur ceangal gu ath-chuinge a tha ga h-iarraidh an seo:
http://www.scottish.parliament.uk/Getti ... umquestion
http://www.scottish.parliament.uk/Getti ... umquestion