Fhuair mi gearan o chuideigin gun robh an treòir eile tro chèile leis gun robh e a' mìneachadh an t-seann suidheachaidh toinnte an toiseach agus an suidheachadh ùr an uairsin. Deagh phuing, seo e ann an sreath ùr ma-tà.
Tha Gàidhlig aig Opera mar "desktop language" a-nis (cha robh roimhe 's bha e na bu toinnte). 'S ciall dha sin gun dig gach tionndadh de dh'Opera le Gàidhlig 'na bhroinn (an cois nan cànan eile).
Tadhailibh air Opera agus faighibh greim air an install file (chan eil ann ach an aonan is coltas Beurla air). Cuiribh am faidhle Opera....exe gu dol. Nuair a chì sibh putan air a bheil Options, briogaibh air. Tha roghainn cànain ann agus tha Gàidhlig san liosta. Sin agaibh e!
Opera sa Ghàidhlig
-
- Rianaire
- Posts: 1781
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Opera sa Ghàidhlig
Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice, Skype is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice, Skype is mòran a bharrachd ★