Page 1 of 1
Dè ur naidheachd?
Posted: Sun Feb 17, 2008 8:01 am
by GunChleoc
Chaidh mi dhan taigh-seinnse Albannach an-raoir còmhla ri caraid agus bha e èibhinn - mar as àbhaist. Thachair mi ri tè Albannach agus thuirt ise: A bheil cèile agad? Chan eil? Nam biodh thu ar iarraidh fear, na sir e an-seo!

Posted: Sun Feb 17, 2008 10:50 am
by neoni
chaidh mise gu session a-raoir. bha e math, ach dh'ol mi cus agus cha d' rinn mi dad fallain no feumail fad' an latha, 's mar sin tha mi air cur romham gur e latha
productive a bhios agam an-diugh
agus, le sin - tha mi a' falbh, obair ri dhèanamh is rudan eile rin urrain dhomh "tarbhach" a chantainn

Posted: Sun Feb 17, 2008 8:10 pm
by Coinneach Cìr
Ghlan mise an càr an-diugh agus bha mi a-mach air mo bhaidhsagal, chòrd sin rium. Bha mi cuideachd ann an Glaschu ach bha an traffic uabhasach fhèin dona air sgàth 's gun robh iad air rathad a dhùnadh faisg air Abhainn Chluaidh fad 's a bha iad a càireadh solais. Bha còir agam a bhi toirt piuthar mo mhàthair dhan phort adhair ach b' fheudar dhi tagsaidh fhaighinn gus dèanamh cinnteach nach biodh i anmoch.
Mar sin, chur mise seachad còrr is uair a thìde nam shuidhe sa chàr is cha d' fhuair duine beò feum às. 
(uill a bharrachd air an tagsaidh 's dòcha)
Posted: Mon Feb 18, 2008 10:11 am
by ruighean
Bidh an clas Nàiseantachd agus Fèin-aithneachadh air Iomall a' Chuain Siar agam a' dol gu Dùn Èideann Diciadain. Bidh sinn a' dol dhan a' phàrlamaid dà thuras airson First Minister's Questions agus airson tùras fhaghinn dhen togalach. Tha sinn an dùil ri bhruidhinn ri buill-phàrlamaid agus bidh sinn a' tadhal air Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, Gailearaidh Nàiseanta na h-Alba agus Victoria Quay.
Posted: Wed Feb 20, 2008 9:49 am
by Gràisg
's ann a' dèanamh mo dhìcheall gus faighinn a-steach do Facebook a tha mi ach chan eil e ag obair. Tha cruaidh fheum agam a bhith a' cluich Scrabulous. Carson nach eil facebook fosgailte an-diugh? :
An urrainn do Christean Scrabulous a chuir air abair thusa?

Posted: Wed Feb 20, 2008 10:21 am
by ruighean
Gràisg wrote:'s ann a' dèanamh mo dhìcheall gus faighinn a-steach do Facebook a tha mi ach chan eil e ag obair. Tha cruaidh fheum agam a bhith a' cluich Scrabulous. Carson nach eil facebook fosgailte an-diugh? :
An urrainn do Christean Scrabulous a chuir air abair thusa?

Bha mi a' coimhead air a shon a Ghraisg ach cha do lorg mi e. Chuir mi Scramble air
a' phrìomh duilleag, ach cha do chluich mi Scrabulous riamh 's mar sin chan eil mi cinnteach dè cho coltach 's a tha iad.
Posted: Wed Feb 20, 2008 10:27 am
by ruighean
ruighean wrote:Gràisg wrote:'s ann a' dèanamh mo dhìcheall gus faighinn a-steach do Facebook a tha mi ach chan eil e ag obair. Tha cruaidh fheum agam a bhith a' cluich Scrabulous. Carson nach eil facebook fosgailte an-diugh? :
An urrainn do Christean Scrabulous a chuir air abair thusa?

Bha mi a' coimhead air a shon a Ghraisg ach cha do lorg mi e. Chuir mi Scramble air
a' phrìomh duilleag, ach cha do chluich mi Scrabulous riamh 's mar sin chan eil mi cinnteach dè cho coltach 's a tha iad.
Tha mi a' faicinn nach eil Scramble ag obair cuideachd

.
Posted: Wed Feb 20, 2008 11:26 am
by Gràisg
Halò a charaid,
Sin thu fhèin, tha scrabulous an 'application' as motha ann am Facebook an-dràsta, tha e ri fhaighinn sa bheurla agus fraingis agus eadaltais an-dràsta ach tha dùil aca cànainean eile a chur ann. Sgrìobh mi p-d thuca agus thuirt iad gum biodh ùidh aca Gàidhlig a chuir ann, bhiodh feum aca air liosta de na faclan ach tha coltas ann gum bi trioblaidean 'copyright' leis an spellchecker gàidhlig.
http://www.scrabulous.com/
Co-dhiù ma dh'fhaoidte bidh cothrom ann san àm ri teachd agus ann an ùine nach bi fada bidh matell (iadsan os cionn Scrabble) a' toirt Scrabulous gu lagh. Saoilidh mi ge-tà gum bi aonta tighinn às a' ghnothaich.
Co-dhiù tha mise làidir den bheachd gu bheil cruaidh fheum air geamanan 'inter-active' sa Ghàidhlig. Tha mòran dhuinn a' caitheamh ùine gun bhrigh air loidhne le geamanan, nach b'e sin math nan robh sinn ga dhèanamh sa Ghàidhlig?
Posted: Wed Feb 20, 2008 11:38 am
by ruighean
Gràisg wrote:Halò a charaid,
Sin thu fhèin, tha scrabulous an 'application' as motha ann am Facebook an-dràsta, tha e ri fhaighinn sa bheurla agus fraingis agus eadaltais an-dràsta ach tha dùil aca cànainean eile a chur ann. Sgrìobh mi p-d thuca agus thuirt iad gum biodh ùidh aca Gàidhlig a chuir ann, bhiodh feum aca air liosta de na faclan ach tha coltas ann gum bi trioblaidean 'copyright' leis an spellchecker gàidhlig.
http://www.scrabulous.com/
Chaidh mi dhan làrach-lìn siud nuair a bha mi a' rannsachadh ach chan eil widget aca airson Ning. Lorg mi buidheann air Ning a tha airson widget a dhèanamh agus tha mi air m' ainm a chur ris.