Page 1 of 1

Facebook sa Ghàidhlig

Posted: Fri Feb 24, 2012 8:38 pm
by akerbeltz
Tha Akerbeltz 's an gaisgeach Kevin Scannell, draoidh nan scripts air a bhith trang is tha beagan Gàidhlig a' tighinn air Facebook mu dheireadh thall. Ma tha Firefox no Chrome agaibh, feuchaibh e

Aon rud, tha Userscripts car meallta a thaobh sanasachd. Feumaidh sibh putadh air a' phutan uaine seo air a bheil Install:
Image

Re: Facebook sa Ghàidhlig

Posted: Fri Feb 24, 2012 11:11 pm
by GunChleoc
Nach sibhse a bha trang a-rithist!

Re: Facebook sa Ghàidhlig

Posted: Sat Feb 25, 2012 10:02 am
by faoileag
Nach math a rinn sibh a-rithist! Tha e agamsa a-nis agus 's toil leam gu mòr! :moladh:

Re: Facebook sa Ghàidhlig

Posted: Sun Feb 26, 2012 11:24 am
by An Gobaire
Abair smùid agaibhse ag obair air na rudan seo!

Re: Facebook sa Ghàidhlig

Posted: Mon Jun 25, 2012 6:26 pm
by akerbeltz
Tha tionndadh ùr (1.0.5) dhen sgriobt ann 's e a' fàs nas glice gach turas. Gheibhear iolra ceart ann a-nis, mar eisimpleir 1 dealbh, 2 dhealbh, 3+ dealbhan is msaa:
Image

Siuthadaibh!

Re: Facebook sa Ghàidhlig

Posted: Tue Aug 21, 2012 9:44 pm
by iosua-laoi
Oh, 's toil leam seo! Feumaidh mi a' lorgadh Reddit ann an Gaidhlig a-nis. ;) Tapadh leibh!