Page 1 of 1

Sabhal Mòr Beurla?

Posted: Sat Mar 10, 2012 11:23 am
by Gràisg
Dealbhachadh Digiteach airson luchd-adhartaich
‘S ann tro’ mheadhan na Beurla a tha an cùrsa seo ga libhrigeadh, gus am bith e freagarrach don a h-uile duine.
agus beagan a bharrachd fiosrachaidh air an duilleag bheurla.
This course is largely conducted through the medium of English to make it accessible to all, although Cailean is a fluent native Gaelic speaker!
Digital Photography for Advanced Learners

Dean SMO freagarrach buileach glan? Faigh cuidhteas den Ghàidhlig?

Re: Sabhal Mòr Beurla?

Posted: Sat Mar 10, 2012 11:36 am
by akerbeltz
Ò mo NÀIRE :mc: ... bu chòir dhuinn sgrìobhadh thuca. Ge-tà, saoilidh mi gu bheil cuid mhath dhe na clasaichean samhraidh sa Bheurla aca.

Re: Sabhal Mòr Beurla?

Posted: Sat Mar 10, 2012 11:52 am
by Gràisg
Tha ùidh agam ann an Dealbhachadh Digiteach cuideachd ach cha bu toil leam a dhol dhan t-SMO airson beagan beurla a thogail. Fhios'm nach eil briathachas son a h-uile càil ach air sgath's gu bheil a leithid uidheam aig moran sna laithean seo - saoil an gabhadh a dhèanmah sa Ghàidhlig?

Re: Sabhal Mòr Beurla?

Posted: Sat Mar 10, 2012 8:35 pm
by Seonaidh
Mas e tro mheadhan na Beurla a libhrigear an cùrsa, carson a tha SMO ga shanasachadh sa Ghàidhlig?

Agus ma tha e sa Bheurla "gus am bith e freagarrach don a h-uile duine", carson nach eil a h-uile cùrsa aig SMO sa Bheurla?

Mar a thuirt Hamlet (?Clachan), "Tha rudeigin grod ann an stàit na Danmhairg".

Dè a-nis - "Eastwick Big Barn"?

Re: Sabhal Mòr Beurla?

Posted: Tue Mar 13, 2012 9:46 am
by GunChleoc
Tha sin neònach. Tha mi air cùrsaichean dà latha a dhèanamh le Cailean is bhruidhinn e sa Ghàidhlig ach le faclan Beurla air stuth teicnigeach a leithid shutter speed. Is dòcha nach do chlàr daoine gu leòr san àm a dh'fhalbh is tha iad airson barrachd airgead a dhèanamh leis. Ma tha sibh airson a' chursa seo a dhèanamh, sgrìobhaibh thuca gus bruthadh orra gus seo a dhèanamh sa Ghàidhlig.

Re: Sabhal Mòr Beurla?

Posted: Fri Mar 16, 2012 6:42 pm
by Níall Beag
Chan eil e neònach idir -- thòisich mi air dol dhan t-Sabhal Mhòr ann an 2005 agus aig an àm ud bha a h-uile cursa "cultural" ga libhricheadh tro mheadhan na Beurla. "accessible to all" is a euphemism for "commercially viable". Mar a chuala mis e, biodh SMO marbh gun turasachd.

Aig a' cheart àm, biodh e math cursa no dhà fhaicinn airson luchd-labhairt na Gàidhlig.

Re: Sabhal Mòr Beurla?

Posted: Fri Jul 19, 2013 5:54 pm
by An Gille Donn
@ Sheonaidh chòir,

“Mar a thuirt Hamlet (?Clachan)” – seadh, deagh-oidhirp èibhinn a th’ ann an seo air ‘Hamlet’ eadar-theangachadh, ach chan obraicheadh e dhà-rìribh: is e sean-ainm Lochlannach a bh’ ann, Amlóði, is e sin a’ ciallachadh “amadain, duine às a rian”, ag innse sgeulachd na sean-uirsgeul seo (f. Israel Gollancz, Hamlet in Iceland (Lunnainn: Dàibhidh Mac a’ Chnotha, 1898), tdd. xi-xvi). Nam bu mhian leat an t-ainm ceart eadar-theangachadh gu Gàidhlig ann an dòigh, bhiodh an dà roghainn agat:
a) “Amadan” a chur air prìomh-charactar na sgeulachd fad na h-ùine, no
b) dreach Gàidhlig a chur air an t-sean-ainm Lochlannach, mar a dhèanadh muinntir Innse Gall fad linntean, m.e. Bjarnarey => Beàrnaraigh amsaa., is mar sin – Amlóði => Amlaid? Amhladh?

Le meas,

Acsail Òg

P.S.: Tha ceanglan Gàidhealach aig sgeulachd Amlaid / Amhlaidh / Hamlet, oir bha sloinneadh Gàidhealach aig a’ bhàrd Lochlannach a dh’ aithris sgeulachd Amlòði an toiseach, Snæbjörn (“Mathan an t-Sneachda”): is e nighean rìgh Éireannach a bha na sinn-sinn-seanmhair, b’ e Cearbhall, Rìgh Osraighe ann an Ear-Dheas na h-Éireann a h-athar (Gollancz, 1898: xvii-xviii). Bha sloinneadh rìoghal Gàidhealach aig Snæbjörn còir mar sin. Cuiridh mi geall nach bi fios aig mòran sgolairean litreachas na Beurla air na ceanglan Gàidhealach seo aig Hamlet, ged a tha iad mothachail gu leòr de na ceanglan Gàidhealach is Cruithneach aig MacBheatha...

Re: Sabhal Mòr Beurla?

Posted: Tue Jul 23, 2013 4:32 pm
by Seonaidh
Mye takk for det! Cha robh fios agam idir.