@ Sheonaidh chòir,
“Mar a thuirt Hamlet (?Clachan)” – seadh, deagh-oidhirp èibhinn a th’ ann an seo air ‘Hamlet’ eadar-theangachadh, ach chan obraicheadh e dhà-rìribh: is e sean-ainm Lochlannach a bh’ ann,
Amlóði, is e sin a’ ciallachadh “amadain, duine às a rian”, ag innse sgeulachd na sean-uirsgeul seo (f. Israel Gollancz,
Hamlet in Iceland (Lunnainn: Dàibhidh Mac a’ Chnotha, 1898), tdd.
xi-
xvi). Nam bu mhian leat an t-ainm ceart eadar-theangachadh gu Gàidhlig ann an dòigh, bhiodh an dà roghainn agat:
a) “Amadan” a chur air prìomh-charactar na sgeulachd fad na h-ùine, no
b) dreach Gàidhlig a chur air an t-sean-ainm Lochlannach, mar a dhèanadh muinntir Innse Gall fad linntean, m.e. Bjarnarey => Beàrnaraigh amsaa., is mar sin –
Amlóði => Amlaid? Amhladh?
Le meas,
Acsail Òg
P.S.: Tha ceanglan Gàidhealach aig sgeulachd Amlaid / Amhlaidh /
Hamlet, oir bha sloinneadh Gàidhealach aig a’ bhàrd Lochlannach a dh’ aithris sgeulachd Amlòði an toiseach,
Snæbjörn (“Mathan an t-Sneachda”): is e nighean rìgh Éireannach a bha na sinn-sinn-seanmhair, b’ e Cearbhall, Rìgh Osraighe ann an Ear-Dheas na h-Éireann a h-athar (Gollancz, 1898:
xvii-
xviii). Bha sloinneadh rìoghal Gàidhealach aig
Snæbjörn còir mar sin. Cuiridh mi geall nach bi fios aig mòran sgolairean litreachas na Beurla air na ceanglan Gàidhealach seo aig
Hamlet, ged a tha iad mothachail gu leòr de na ceanglan Gàidhealach is Cruithneach aig MacBheatha...