Page 1 of 1
Gleus nam mapaichean
Posted: Tue Mar 27, 2012 10:39 pm
by akerbeltz
Tha am Faclair Beag ag obair air gleus ùr, seo dhuibh plathadh beag dheth
Saoil dè th' ann

Re: Gleus nam mapaichean
Posted: Wed Mar 28, 2012 9:25 pm
by GunChleoc
Tha fios a'm is mar sin cha chan mi smid

Re: Gleus nam mapaichean
Posted: Sun Apr 08, 2012 10:54 pm
by akerbeltz
Tha ìre 1 deiseil - feuchaibh e. Ma lorgas sibh facal san Fhaclair Bheag agus ma bhriogas sibh air an fhacal ghorm, chì sibh na bhòtaichean ann (ma tha gin ann). Seallaidh sin dhuibh cruinn-eòlas nam facal. Tha 2 dhath ann - daoine le Gàidhlig on ghlùn ann an gorm agus luchd-ionnsachadh fìor-fhileanta ann an ruadh; dath nas doilleire son active knowledge, dath nas soilleire son passive. Feuchaibh "gille" agus "balach" mar eisimpleir, taobh ri taobh. NB: Chan eil sinn a' cumail a-mach gu bheil statistical significane againn (fhathast) ach bidh e taiceil co-dhiù tha sinn an dòchas!

Re: Gleus nam mapaichean
Posted: Mon Apr 30, 2012 11:03 pm
by akerbeltz
Tha
duilleag againn a-nis a tha a' mìneachadh na tha na mapaichean a' sealltainn.
Re: Gleus nam mapaichean
Posted: Tue May 01, 2012 11:14 am
by GunChleoc
Sgoinneil!
