Page 1 of 1

MyOpera Mail sa Ghàidhlig

Posted: Sun Apr 08, 2012 3:38 pm
by akerbeltz
Mo chreach, dhìochuimhnich mi fios a leigeil dhuibh mun ghoireas seo. Ma tha sibh seachd searbh sgìth de Gmail agus a' Bheurla ann (tha iad a' diùltadh eadar-theangachadh fhathast), tha seirbheis eile ann a tha sa Ghàidhlig, 's e sin MyOpera Mail. Cha leig sibh a leas am brabhsair Opera a chleachdadh, tha e fosgailte dhan a h-uile duine. Ma thèid sibh gu Settings gu h-àrd air an taobh deas, tha roghainn cànain ann agus tha Gàidhlig san liosta.

An dòchas gun còrd e ribh!

Image