Page 1 of 1

Ceannard BSGI gun Gaidhlig

Posted: Thu Apr 12, 2012 10:52 am
by Buisach
Chunnaic mi post dealain an de a sealltain gu bheil Comhairle na Gaidhealtachd ag iarraidh tidsear gun Gaidhlig a chuir a steach Bun Sgoil Gaidhlig Inbhir Nis mar Ceannard.

Cha bith seo airson eadar-ama ach permanent.

Thog seo iomadach ceist mun suidheachadh gaidhlig an-duigh agus anns an am ri teachd.

Thanig e amach as a chomhairle mar leisgeul nach robh fhein-eolas gu leor aig tidsearan a thainig air adhart son dreuchd, mar sin feumidh iad duine gun gaidhlig a chuir a steach.

Chan eil ach tri sgoiltean mor gaidhlig ann an Alba - mar sin chan eil moran cothroman ann son fhein eolas a cruinachadh, agus ma tha dhuine deonach carson nach robh cothroman barrachd treinadh no stuiriadh a toirt dhiubh gus am bith iad comasach/deisiel son sgoil a ruith.

Mur a bheil ceannard aig a bheil gaidhlig anns na sgoil, de ionnsachaidh a tha seo a toirt dhan chlann ?

Anns an toisich - chan eil luath sam bith anns na gaidhlig. Cha bith misneachd no brosnachadh a toirt dhiubh son an canan a cleachdadh fuis anns an sgoil nan robh an cuisean as cudthromach (riaghltean agus discipline) a laimseachadh tron Beurla.

Chuimhne mise gu robh stri mhor son Foghlam tron Meadhan Gaidhlig a steidheachadh anns an ciad dol a mach agus an uairsin, sgoil gaidhlig fa leth a steidhachadh. Aig gach ceum thuirt an duine sa chomhairle gu bheil cuisen ro doirbh - cha robh goirisean gu leor ann - mar sin air adhart.

Agus nis, as-deidh h-uile cail, agus FMG cho soirbhicheal, tha an seann leisgeulan a tighinn a mach a rithist.

Tha mi an dochas gun tig parantan BSGI a mach gu laidir an aghaidh an tairgse anasach goraiche seo.

Barrachd air an sgoil fhein, tha seo a dol a chuir gach adhartas a rinn sinn air thoabh na gaidhlg gu crioch. Churidh seo gach poliseadhan naiseanta bun os cionn. Cha bith cothrom airson dreuchd sam bith a cumail mar gaidhlig a mhain.

An faic sinn ceannard Bord na Gaidhlig gun Gaidhlig ann am beagan bliadhnachan ?

Obh Obh - feumaidh sinn a cuir stad air seo !

Re: Ceannard BSGI gun Gaidhlig

Posted: Fri Apr 13, 2012 7:22 pm
by Seonaidh
Beagan iongantach co-dhiù, ach chan e deireadh an t-saoghail a th' ann.

Tha mi cinnteach gum bi an ceannard ùr ag ionnsachadh na Gàidhlig gu luath, rud 's dòcha nach dèanadh i/e mura faigheadh i/e an dreuchd seo.

Re: Ceannard BSGI gun Gaidhlig

Posted: Fri Apr 13, 2012 9:45 pm
by Gràisg
Carson nach cuir leth-bhreac den p-d ud an àirde - ainmean "redacted" mar a chanas iad?

Re: Ceannard BSGI gun Gaidhlig

Posted: Thu Apr 26, 2012 11:27 am
by Thrissel
Agus na tha a' BhBC ag ràdh mu dheidhinn:
http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/17837242

Re: Ceannard BSGI gun Gaidhlig

Posted: Mon Apr 30, 2012 10:18 am
by Each
Uill, bha duil agam air upraid as deidh an naidheachd ach chan eil ann ach samhach.

Caite a bheil Bord na Gaidhlig ?

Lathean dorcha a tha romhainn gun teagamh!

Re: Ceannard BSGI gun Gaidhlig

Posted: Mon Apr 30, 2012 7:39 pm
by Gràisg
Gu mi-fhortanach tha a chuid as motha a tha togail airgid as a' Ghàidhlig buailteach a bhith balbh nan tosd nuair a thig e gu h-aon 's gu dha.

Re: Ceannard BSGI gun Gaidhlig

Posted: Tue May 01, 2012 9:19 am
by Seonaidh
Non comprehendo, a Ghràisg. Dè tha "balbh nan tost" a' ciallachadh? "Howling in their toast"?

Re: Ceannard BSGI gun Gaidhlig

Posted: Tue May 01, 2012 9:43 am
by Gràisg
Chan e toast a th'ann an tosd. 'S e abairt a chuala mi latha brèagha air choireigin. Air an reidio saoilidh mi - deagh Ghàidhlig no Gàidhlig neonach? Cuiridh mi a' cheist ud air a' cheannard ùr BSGI.

Re: Ceannard BSGI gun Gaidhlig

Posted: Tue May 01, 2012 2:31 pm
by akerbeltz
a bhith 'nad thost/thosd = a bhith sàmhach. Fìor dheagh Ghàidhlig.