Page 1 of 1
Deiseal - Fathainn tighinn am barr
Posted: Wed May 02, 2012 1:16 pm
by Gràisg
Chuala mi criomagan siud 's seo ach a-nis tha a h-uile càil ri leughadh sa Herald (ceart no ceàrr a tha e):
http://www.heraldscotland.com/news/home ... f.17421059
Re: Deiseal - Fathainn tighinn am barr
Posted: Thu May 03, 2012 10:27 pm
by Seonaidh
'S mòr am beud. Ach cha d' fhuair mi iongnadh, tha agam ri ràdh. Dè am facal - "dràibhte", 's dòcha. Cuideigin le amas san fhradarc agus 's dòcha a' call sealladh air an t-saoghal a th' ann, a' fàilligeadh smaointinn mar dhaoine air leth.
Re: Deiseal - Fathainn tighinn am barr
Posted: Thu May 03, 2012 10:58 pm
by akerbeltz
Ged a tha mi eòlach air Daibhidh, chan e sin a tha cur 'nam shùilean gur e gearan fuadain a tha seo - tha pròiseasan ann airson gearan a thogail agus chan e litir do BP aig barr na liosta. 'S mathaid gu bheil buaireadh air choireigin eadar an neach sin agus Deiseal Earr ach cha chreid mi gur e sin an fhìrinn.