Page 1 of 1

Comataidh na Gàidhlig ga sgapadh

Posted: Fri May 11, 2012 2:22 pm
by Thrissel
Am Bìob wrote:Tha a' cho-bhanntachd riaghlaidh ùr air Comhairle na Gàidhealtachd a' dol a chur às do Chomataidh Gàidhlig na Comhairle. Thuirt ceannardan na Comhairle gur ann a thèid uallach a' chànain a chur air a h-uile comataidh, agus gum bi a' Ghàidhlig air a neartachadh nas fharsainne am broinn an ùghdarrais ionadail.
Ach dha an rèir, thuirt comhairliche neo-eisimeileach Seumas Fraser,
Hamish Friseal wrote:Thuiginn sin dha-rìribh fhèin, ach chan eil mise den bheachd gun tachair sin ann an dòigh sam bith. Tha mise a' faicinn gum bi i air a deasbad ann an dhà no trì prioban sùla, agus gun tèid i an uair sin air chall. [...] Duine sam bith a tha a' smaointinn gur e rud math a bhios ann an seo, tha mi a' smaoineachadh gu bheil iad a' fuireach ann an dùthaich na cuthaige.
Aiste làn an-seo.

Re: Comataidh na Gàidhlig ga sgapadh

Posted: Fri May 11, 2012 6:38 pm
by Seonaidh
An-diugh, dh'aontaich co-bhanntachd ùr na Gàidhealtachd cur às do Chomataidh Foghlaim. Thuirt ceannardan na Comhairle, mar a dh'fàsas nas glice fad beatha - agus seo foghlam - gum biodh foghlam ri fhaotainn anns a h-uile Comataidh aig a' Chomhairle mar-thà, agus mar sin chan fheumar comataidh sònraichte...

Re: Comataidh na Gàidhlig ga sgapadh

Posted: Fri May 11, 2012 7:38 pm
by faoileag
:mc:

Cò bhios ann mar ath fhear?? :mhoire:

Re: Comataidh na Gàidhlig ga sgapadh

Posted: Fri May 11, 2012 8:00 pm
by Gràisg
Cha robh cumhachd no airgead aig Comataidh Gaidhlig na Comhairle co-dhiù. De an deifer a tha seo?

Re: Comataidh na Gàidhlig ga sgapadh

Posted: Fri May 11, 2012 9:58 pm
by akerbeltz
Saoil an e mearachd litreachaidh a tha seo? Comadaidh na Gàidhlig seach comataidh?