Page 1 of 1

Wavversock!

Posted: Wed Jun 06, 2012 11:02 pm
by Seonaidh
Mar a thachras tha mi nam rùnaire de chomhairle coimhearsnachd. O chionn bliadhna no dhà, tha mi a' dèanamh clàr-gnothaich dà-chànanach do na coinneamhan, Beurla agus Gàidhlig. Rinn ball den chomhairle gearan mu dheidhinn seo a-nochd: nochdar gu bheil lathaireachd Gàidhlig ga cur troimh-a-cèile. Tha i na ball o chionn 3 bliadhna agus cha do rinn i gearan roimhe. Chan eil mi cinnteach, ach tha mi a creidsinn gun cuireadh taic dhi airson seo a dhèanamh: tha cathraiche aig a' chomhairle air gur e beag a' Ghàidhlig.

Re: Wavversock!

Posted: Fri Jun 08, 2012 7:08 pm
by Each
Tha mi duilich ga chluintinn. Tha mi an dochas nach do chuir e cuis dragh ort.

Se' an dleastanas aig gach chomharle choimhearsneachd a bith tarrairng a steach agus a cumail fa-near beachdan na choimhearsneachd anns an fharrsaingeachd - chan e direach son a cuir air adhart an amasan na chomhairliche fhein. Ach seo an t soaghal an duigh agus son a mhor cuid tha iad lan dhaoine a tha mor nan ceann fhein.

S'ann mar sin tha an aireamh a dol an sas ann an chomhairlean a choimhearsneachd a fas cho beag. Chan e direach mun gaidhlig - tha beachdan laidir aca air iomadh cuspair - gu h-aradh an oigridh!

Cum ort a bhalach!

Re: Wavversock!

Posted: Fri Jun 08, 2012 9:02 pm
by faoileag
Feumaidh gu bheil nàire orra! :naireort:

Tha mi duilich, a Sheonaidh, tha sin mì-mhisneachail, ach seas riutha, agus cum ort! :moladh:

Re: Wavversock!

Posted: Mon Jun 25, 2012 12:30 pm
by GunChleoc
An urrainn dhut bruidhinn rithe ach an tuig i nach dèan e cron ma tha a' Ghàidhlig ann?