Page 1 of 1

Tìr nam blòg no Tìr na Beeb?

Posted: Sun Feb 24, 2008 10:01 am
by Gràisg
Tha e math gu bheil làrach naidheachd sgrìobhte aig a' Bheeb a-nis ach air sgàth gu bheil a h-uile naidheachd a' nochdadh air Tìr nam Blòg, chan ann gu tric a bhios sibh a' leughadh sgrìobhaidh bho bhlogair air a' phrìomh dhuilleig. Dhomhsa tha cunnart ann a-nis nach bi duine a' sgrìobhadh cò tric 's a bha iad agus nach bi leughadairean a' tighinn a-steach nas mòtha, ma bhios iadsan a' lorg naidheachd beeb sa Ghàidhlig tha làn fhios aca far a bheil e.
Dè mu dheidhinn putain mhòr shonraichte air mullach Tnamb a' sealltainn far a bheil naidheachdan beeb sa Ghàidhlig a leithid am fear seo?


Image

Posted: Sun Feb 24, 2008 12:43 pm
by GunChleoc
Saoilidh mi gur e deagh bheachd-smuain a th' ann. No b' urrain dhaibh duilleag eile a chur ann le RSS bhon Bheeb a-mhàin leis an aon coltach. Nam biodh àm gu leòr aig Cadalach airson seo a dhèanamh an dèidh cur às dhan luchd spammers :roll:

Posted: Sun Feb 24, 2008 1:07 pm
by Bhoniar
Sheall mi air a' bhuird-brath eile agus chuir meaban crosta dealbhan xxx suas anns an lìn "Càit am faigh mi stuth airson àmar-iasg". Dealbhan, chan eil ceangal. :mc:

Chan eil mi nam bheach gu bheil sin eibhinn idir agus chan eil mi a' creidsinn gun cuidich sgrìobadh mòran. 's e eucoir a th' ann.