Chan eil VLC nas toinnte na Windows Media Player chanainn agus FADA nas fhasa na iTunes - ach fhuair mi iarrtas airson mìneachadh no dhà do dhaoine a tha air ùr-thòiseachadh leis.
A' chiad leasan
Fosglaibh VLC. Briogaibh air
Meadhan agus an uairsin
Fosgail pasgan (ma tha folder agaibh sa bheil iomadh faidhle ciùil) no
Fosgail faidhle (ma tha sibh dìreach airson aon fhaidhle a chluich). Faighibh greim air pasgan sam bith sa bheil faidhlichean ciùil agaibh, can faidhlichean mp3 no rud mar sin. Dèanaibh
Select Folder agus cluichidh VLC dhuibh na tha sa phasgan. Sin air Windows. Ma tha thu air MacOS, innisibh dhomh.
Ma tha sibh car tro chèile aig an ìre-sa, leigibh seachad na menus eile an-dràsta 's na cleachdaibh ach na putain aig bonn na sgrìn - dìreach mar a tha iad air tape player :b Chan urrainn dhuibh a bhriseadh co-dhiù!
PS tha mi glè dheònach ceistean mar sin a fhreagairt ach ma chuireas sibh ceist, saoil an innis sibh dhomh aig an aon àm dè an operating system a th' agaibh? Nì sin diofar (beag)